Ìmpidh airson barrachd sgoilearan FtMG an Inbhir Chluaidh

Shona NicNèill is a mac Calum
Fo-thiotal an deilbh,

Shona NicNèill is a mac Calum

  • Air fhoillseachadh

Tha teaghlach ann an Inbhir Chluaidh airson is gun tèid barrachd a dhèanamh gus clann a bhrosnachadh a dhol gu foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile san sgìre is gun ach aon sgoilear ann an-dràsta.

Ged a tha clann ag ionnsachadh tron Ghàidhlig ann am Bun-sgoil Chnoc a' Chonaisg ann an Grianaig, cha robh roimhe foghlam àrd-sgoile ri fhaighinn san sgìre is clann a' dol a Ghlaschu gus FtMG fhaighinn às dèidh dhaibh Cnoc a' Chonaisg fhàgail.

Cho-dhùin Comhairle Inbhir Chluaidh ann an 2023 nach biodh iad tuilleadh a' pàigheadh cosgaidhean-siubhail gus sgoilearan Gàidhlig a chur a Ghlaschu is gum biodh FtMG aig ìre àrd-sgoile ri fhaighinn aig Acadamaidh Inbhir Chluaidh.

A dh'aindeoin seo, tha grunn sgoilearan àrd-sgoile às an sgìre fhathast a' dol a Ghlaschu 'son FtMG a dhèanamh.

'S e mac Shona NicNèill - Calum - an aona sgoilear a th' ann am FtMG ann an Acadamaidh Inbhir Chluaidh aig an ìre seo is 's e Gàidhlig fhèin an aona chuspair a th' aige tron chànan.

Ged a tha an sgoil a' còrdadh ris, 's e a chuireadh fàilte air sgoilearan Gàidhlig eile.

"Tha e cudromach gum bi daoine bho Bhun-sgoil Chnoc a' Chonaisg a' tighinn," dh'innis Calum òg do BBC Naidheachdan.

"Bhiodh daoine eile an seo is ma tha mi stuicte bidh cuideachadh ann."

Tha Shona fhèin ag ràdh gu bheil i mothachail gu bheil Comhairle Inbhir Chluaidh air obair a dhèanamh gus foghlam tron Ghàidhlig a leasachadh san sgìre.

Tha i taingeil cuideachd airson taic a tha Calum fhèin a' faighinn.

Tha i den bheachd ge-tà, gum bu chòir dhan ùghdarras ionadail barrachd a dhèanamh airson fàs a thoirt air gnothaichean.

"Chan eil fiosrachadh gu lèòr ann do phàrantan is tha mi a' smaointinn nach eil tuigse gu leòr aca (Comhairle Inbhir Chluaidh) mun chànan," thuirt i.

"Dh'fhaodadh iad bruidhinn ri Comhairle Ghlaschu mu dheidhinn foghlam sa Ghàidhlig is mar a tha iadsan air a thogail is a leasachadh."

Chaidh Comhairle Inbhir Chluaidh às àicheadh seo is iad ag ràdh gu bheil iad a' sanasachd FtMG ann an grunn dhòighean.

Ann am brath, thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad air tòrr ùine is airgid a chosg air foghlam Gàidhlig a leasachadh aig Acadamaidh Inbhir Chluaidh agus gus slighe ionadail a stèidheachadh bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.

B' fheàrr leotha, thuirt iad, nam biodh barrachd dhaoine a' gabhail brath air a' chothrom a th' ann.

"Tha e an urra ri pàrantan fhèin càite an cuir iad an cuid chloinne ach tha sinn an dùil gum bi fàs ann am foghlam Gàidhlig àrd-sgoile air an ath theirm," thuirt neach-labhairt bhon chomhairle.

"Tha foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile fhathast an ìre mhath ùr mar sheirbheis ann an Inbhir Chluaidh is fàsaidh e thairis air ùine, ach tha an luchd-obrach foghlaim againn ag obair gu cruaidh airson a bhrosnachadh."