Foghlam Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Chluaidh

  • Air fhoillseachadh
Acadamaidh Inbhir ChluaidhTùs an deilbh, Thomas Nugent / Geograph

Tha buill de Chomhairle Inbhir Chluaidh air an taic a chur ri plana fon tèid foghlam Gàidhlig a thabhainn air sgoilearan àrd-sgoile na sgìre.

Cho-dhùin coinneamh shònraichte de chomataidh foghlaim na comhairle gum biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) air a thoirt seachad ann an Acadamaidh Inbhir Chluaidh bho thoiseach na bliadhna-sgoile 2024.

Tha ionad Gàidhlig agus sgoil-àraich aig a' chomhairle am Bun-sgoil Whinhill ach chan eil foghlam Gàidhlig ri fhaotainn aig ìre na h-àrd-sgoile.

Tha sin a' fàgail gum feum sgoilearan a dhol a Ghlaschu ma tha iad airson leantainn orra le FTMG.

Foghlam Gàidhlig a leudachadh

Tha 12 sgoilear an-dràsta a' dol dhan sgoil ann an Glaschu agus tha 35 duine cloinne a' faighinn an oideachaidh sa Ghàidhlig aig Bun-sgoil Whinhill.

Theid moladh foirmeil a-nis ullachadh agus thèid sin a-mach gu co-chomhairleachadh poblach.

Thuirt an Comhairliche Jim Clocherty, neach-gairm comataidh an fhoghlaim aig Comhairle Inbhir Chluaidh: "'S e ceum cudromach a tha seo ann a bhith a' lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Chluaidh.

"An-dràsta, feumaidh pàrantan iarrtas a chur a-steach airson agus gun lean foghlam Gàidhlig an cuid cloinne ann an Glaschu, ach tha sinn airson togail air cho soirbheachail agus a tha foghlam Gàidhlig air a bhith ann am Bunsgoil Whinhill agus slighe sheasmach airson foghlam Gàidhlig a stèidheachadh ann an Inbhir Chluaidh bho na tràth-ìrean suas chun na h-ard-sgoile."