Blàr Holyrood: Cò gheibh làmh an uachdair?

- Air fhoillseachadh
'S e an rud mu dheidhinn Holyrood, neo pàrlamaid sam bith, nach eil gu leòr àite ann airson gach partaidh a chumail toilichte.
Ma choimheadas tu air na partaidhean as motha, 's tha sia dhiubh ann, bidh feadhainn nas toilichte na chèile nuair a thèid na suidheachain a dhearbhadh air an 8mh den Chèitean.
Tha an SNP ag iarraidh mòr-chuid leotha fhèin, rud a tha cianail doirbh leis an t-siostam bhòtaidh a th' againn, is nach deach a dhèanamh ach aon trup roimhe.
Bidh na Làbaraich airson co-dhiù-co-dhiù a bhith san dara àite, ged a tha iad air tuiteam air ais ann an cunntasan anns na mìosan mu dheireadh.
'S e na Tòraidhean a bha san dara àite sa phàrlamaid mu dheireadh, ach cleas àiteachan eile san rìoghachd, tha iadsan cuideachd air seacadh.
Sin far a bheil Reform a' tighinn a-staigh is taic dhaibhsan air èirigh bho ìre ìosal.
A thaobh nan Uaineach – tha na h-àireamhan acasan ann an Holyrood air fàs gu seo anns a h-uile taghadh Albannach bho 2011 – rud a bhios iad airson fhaicinn a-rithist an trup seo.
Agus na Lib Deamaich – partaidh a bha aig aon àm a' riaghladh cuide ris na Làbaraich – bidh fàs a dhìth orrasan cuideachd.
Chan fhaigh a h-uile duine aca an rud a tha iad ag iarraidh.
An SNP – Gur trom a tha an crùn
Sheas Iain Swinney aig co-labhairt iomairt an SNP sa Mhàrt is dh'iarr e air daoine an dà bhòt aca a thoirt dhan SNP.
Ma bhòtas gu leòr dhan SNP air an dà phàipear aca gheibh iad sa chiad àite riaghaltas SNP, ach cuideachd argamaid nas làidire airson referendum eile air neo-eisimeileachd a chumail.
'S e an rud, chan eil cinnt de sheòrsa sam bith idir ann gun ceadaicheadh an riaghaltas ann an Westminster referendum eile, fiù 's nam faigheadh an SNP mòr-chuid leotha fhèin ann an Holyrood.
Mar phartaidh a th' air a bhith a' riaghladh airson cha mhòr fichead bliadhna aig Holyrood, tha liosta fhada aig an SNP de rudan a rinn iad a tha iad fhèin moiteil às.
Oideachadh oilthigh an-asgaidh, sochair cloinne na h-Alba, gluasad gus cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh, chanadh iad, am measg rudan eile.

Ach nuair a tha thu air riaghladh cho fada sin, bidh liosta a' càrnadh cuideachd de rudan nach eil thu cho èasgaidh èigheach mu dheidhinn.
Sàbhailteachd ann an ospadalan ùra, beàrn bochdainn an fhoghlaim, agus aiseagan mar eisimpleir, chanadh cuid.
Bidh e inntinneach fhaicinn a bheil suidheachadh nan aiseagan - a tha CalMac ag ràdh a tha nas miosa na chunnaic iad riamh, a' dol a thoirt buaidh air mar a bhòtas daoine ann an coimhearsnachdan cladaich.
'S beag a thèid aca air a dhèanamh mu na h-adhbharan air a chùl, ach 's e an SNP a th' aig an stiùir an teas mheadhan a' chogaidh ann an Iran is an staing eaconamach a tha tha sìor at ri linn.
Chualas air An Taghadh 2026: An Deasbad gu bheil an suidheachadh sna h-Eileanan an Iar a thaobh bochdainn connaidh a' cur "eagal a bheatha" air fear de chomhairlichean na sgìre, Coinneach MacLeòid.
Ma tha sporain dhaoine a' fulang, an coirich luchd-bhòtaidh am partaidh a tha a' riaghladh aig an àm, neo am bi iad air an tarraing gu planaichean an SNP airson iarraidh air poileasaidh cumhachd a bhith air a ghluasad gu Holyrood?
Reform UK – Fòrsa ùr?
Aig cridhe na tha Reform a' tabhainn, tha gearradh 1sg air a' chìs chosnaidh, rud a bhiodh a' ciallachadh ghearraidhean.
Gearraidhean a thaobh net-zero, agus ann am buidhnean riaghaltais a tha iad ag ràdh a tha nan cosgais airgid gun seagh.
Tha Reform cuideachd a' dèanamh adhartais leis na draghan a tha iad a' togail mu inimireachas (tha fhios am, fo shealbh Westminster gu ìre mhòir), ag radh gun e Albannaich a bu chòir prìomhachas fhaighinn airson taigheadais.
Tha iad airson a bhith san dara àite co-dhiù sa phàrlamaid, crathadh a thoirt air poileataigs agus air an dùthaich, agus "daoine àbhaisteach" a riochdachadh.
Am faigh iad an taic a tha a dhìth orra gus sin a dhèanamh?
Bidh am Farage factor inntinneach.

Bha e air an àrd-ùrlar cuide ri Malcolm Offord a' cur manifesto a' phartaidh air bhonn sa Mhàrt. The e air fhaicinn mar fhear a tha air leth èifeachdach aig àm iomairt.
Dè cho tric 's a thig e a dh'Alba, ciamar a thèid a chleachdadh, agus an tèid aig Reform an iomairt taghaidh a chur gu feum ann a bhith a' fosgladh astair eadar iad fhèin in leithid na Tòraidhean 's na Làbaraich? Bidh an SNP cuideachd nan targaid.
Tha Reform ùr mar phartaidh. Tha iad air tòrr obrach a dhèanamh gus tagraichean a chruinneachadh airson gach roinn taghaidh ann an Alba.
Cuid dhiubh gun eòlas roimhe air saoghal poileataigs. Cuid dhiubh air tighinn thuca, mar Malcolm Offord fhèin, bho phartaidhean eile – na Tòraidhean mar as trice.
An e seo riochdachadh den atharrachadh a tha iad an dòchas a chòrdas ris an luchd-bhòtaidh?
Na h-Uainich – Tuilleadh fàis?
Tha na h-Uainich air fàs a thaobh riochdachadh aig Holyrood sa h-uile taghadh bho 2011.
Air am faicinn aig cuid mar roghainn a bharrachd airson an dara pàipear bhòtaidh do dhaoine a tha a' creidsinn ann an neo-eisimeileachd.
Partaidh cuideachd a tha air adhartas a dhèanamh a' measgachadh sin, agus poileasaidhean, ann am beachd cuid co-dhiu, air am meas radaigeach air an àireannachd is air cuspairean leithid bochdainn agus gnè.
Bidh iad airson am fàs sin a chumail a' dol san taghadh seo fo stiùir Ross Greer is Gillian NicAoidh.

Tha Mgr Greer òg aig aois 31, ach tha 10 bliadhna de dh'eòlas aige aig Holyrood.
Tha Ms NicAoidh òg an taca ri ceannardan eile, aig 34, rud a dh'fhaodadh a bhith cudromach ag iomairt gus dòchas is guth na h-òigridh a thaisbeanadh.
Le amas fàs, bidh e inntinneach fhaicinn an tèid aig na h-Uainich air roinn-taghaidh a bhuannachadh.
Airson bliadhnaichean, cha robh iad fiù 's a' cur tagraichean air adhart ach air an liosta anns na sgìrean-taghaidh.
Bhiodh e na shamhla de dh'adhartas mar phartaidh nan rachadh aca air bristeadh troimhe anns na roinnean-taghaidh.
An Taghadh 2026: An Deasbad
Anna NicLeòid anns a’ chathair airson deasbad sònraichte air thoiseach air an taghadh Albannach sa Chèitean.
Na Làbaraich – An diofar a tha taghadh Westminster a' dèanamh
Aig àm taghadh Westminster ann an 2024, bha na Làbaraich ann an Alba an ìre mhath co-ionnan ris an SNP a thaobh taic ann an Alba. Bhiodh Anas Sarwar a' faicinn dreuchd a' Phrìomh Mhinsteir mar rud a dh'fhaodadh a bhith aigeasan.
Cha do thàr na Keir Starmer buannachadh ge-tà, mus do thòisich taic dha na Làbaraich a' crìonadh.
An-diugh, tha na cunntasan gan cur le astar eadar iad agus an SNP, mun aon ìre ri Reform.
Bidh e na dhùbhlan do dh'Anas Sarwar Reform a chur air a chùl, agus an SNP a ghlacadh cuideachd.
Tha Mgr Sarwar a' bruidhinn mu bhith a' bhòtadh airson nan Làbarach airson atharrachaidh.
'S e atharrachadh bho SNP a bhiodh annta – tha 19 bliadhna air a bhith ann bho bha na Làbaraich a' riaghladh aig Holyrood mu dheireadh.

Tha taghaidhean an-còmhnaidh mu dheidhinn atharrachaidh, leis na partaidhean nach eil air a bhith a' riaghladh uile ag iarraidh do bhòta, ag ràdh gun toir iad a-staigh linn ùr bhrèagha.
Tha na Làbaraich am measg nam partaidhean a nì argamaid de a sheòrsa, ach aig an aon àm ri a bhith a' riaghladh iad fhèin ann an Westminster.
Dìreach seachdainnean air ais, dh'iarr Anas Sarwar air Keir Starmer seasamh sìos ri linn suidheachadh Pheadar Mandelson agus a chàirdeas ris an eucoireach feise Geoffrey Epstein.
Cha do thàr na faclan a theanga fhàgail ge-tà, mus do thòisich stuadh de Làbaraich eile a' cur an gualain ris a' Phrìomhaire.
Chan eil cinnt a thaobh dè a' bhuaidh phragtaigeach a bheir seo air an iomairt taghaidh, ma bheir idir.
An ann mar sgaradh 's troimhe-chèile a thèid fhaicinn leis an luchd-bhòtaidh, neo an e rud a th' ann a chuidicheas Anas Sarwar a bhith air fhaicinn fa leth bho Phrìomhaire a tha e fhèin ìosal sna cunntasan?
Na Tòraidhean – Astar bho Reform
Tha na Tòraidhean air a bhith san dara aite aig Holyrood airson grunn bhliadhnaichean – is cha bhi iad airson sin a chall.
Tha e na dhuilgheadas dhaibh ge-tà, gu bheil partaidh eile a-nis ann, Reform, a tha airson cìsean is sochairean a ghearradh is neartachadh a dhèanamh airson gnìomhachas na h-ola 's a' ghas.
Tha Russell Findlay air fàgail air Reform nach eil iad cruaidh gu leòr air neo-eisimeileachd do dh'Alba, is gun e na Toraidhean an roghainn as fheàrr airson an t-Aonadh a chumail ri chèile 's an SNP a dhùnadh a-mach bho mhòr-chuid.
Bidh e inntinneach mar a thèid dhaibh le bhith a' cur ìmpidh air luchd-bhòtaidh taic a thoirt dhaibh air a' phaipear bhòtaidh shoilleir-orains, far a bheil buill sgìreil gan taghadh.

Chan e seo a' chiad turas a chuir na Tòraidhean am paipear soilleir-orains gum feum mar seo, ach bidh e inntineach fhaicinn gu dè an ìre a thèid taic dhaibhsan a thanachadh le Reform, ma thèid idir.
Rinn na Tòraidhean adhartas mòr ann an taghaidhean a chaidh seachad le bhith ag ràdh gum feumte taic a chur riuthasan airson stad a chur air referendum eile air neo-eisimileachd.
An turas seo, chan eil ceist neo-eisimeileachd a' nochdadh àrd sam bith air clàran de rudan a tha luchd-bhòtaidh a' faireachdainn a tha glè chudromach dhaibh.
Air thoiseach air, tha an eaconamaidh is cosgaisean, inimreachas is slàinte.
Na Lib Deamaich – Fàs na amas
Nuair a bhruidhinn mi ri luchd-obrach nan Lib Deamach aig a' cho-labhairt earraich aca, bha iad ag ràdh gum biodh iad air an dòigh nan tilleadh iad dusan ball a Holyrood.
Cha robh aca ach ceathrar san taghadh mu dheireadh, 's mar sin, 's e fàs mòr a bhiodh ann an dusan.
Tha an ceannard aca Ailig Cole-Hamilton den bharail gu bheil iad a' coimhead dòchasach ann an grunn roinnean.
Tha na Lib Deamaich ag iarraidh an SNP a-mach à cumhachd.
Cuimhnich "atharrachadh"? Tha iadsan ga iarraidh cuideachd.
Dè seòrsa coltais a bhiodh air?
Uill, tha aithrisean air a bhith a' leantainn sna seachdainnean a chaidh gum biodh na Lib Deamaich fosgailte ri obrachadh cuide ri partaidhean eile gus an SNP a dhùnadh a-mach bho bhith a' riaghladh.

Dh'fheumadh na h-àireamhan obrachadh a-mach ceart airson gluasad de a sheòrsa, is cha bhiodh e às aonais connspaid. Gu h-àraid nan rachadh partaidh leis an taic as àirde a dhùnadh à cumhachd.
Le sia partaidhean a' sabaid airson àite is aire ann am pìosan naidheachd eadar seo 's an taghadh, bidh Ailig Cole-Hamilton 's docha airson beagan de dh'eisimpleir Ed Davey ann an Westminster a chleachdadh 's a bhith chò àraid is beòthail 's a ghabhas le na tachartasan iomairt aige.
Tha e mar tha air a bhith a' seòladh ann am bàta air a' Chluaidh, a' fuine, agus a' cluich tennis le Mgr Davey fhèin.
Sia partaidhean ma-tha, 's gun ach seachdainnean ri dhol mus faic sinn cò dhiubh a bhios gar riaghladh airson nan còig bliadhna ri thighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
