Staing nan aiseagan air aire luchd-poileataigs an iomairt an taghaidh

Bàt-aiseig aig Cidhe Loch nam Madadh
  • Air fhoillseachadh

Tha staing nan aiseagan air a' chosta an iar a' leantainn is pàrtaidhean poilitigeach na h-Alba a' dol an sàs anns na duilgheadasan a tha a' bualadh air coimhearsnachdan.

Tha sreath de na bàtaichean mòra aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a-mach à seirbheis agus a' chompanaidh ag ràdh gu bheil cha mhòr a h-uile eilean air a' chosta an iar a th' air a fhrithealadh le soitheach mòr fo bhuaidh.

Le deireadh-seachdain na Càisge air fàire, tha CalMac air leisgeul a thabhainn airson an t-suidheachaidh, ag ràdh nach robh iad riamh fo uallach cho mòr is gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall airson cùisean a leasachadh.

Tha boillsgeadh dòchais ann is coltas ann gun tig an t-aiseag ùr an MV Isle of Islay a-steach gu seirbheis Dimàirt.

Bha dùil rithe an t-seachdain seo chaidh ach bha feum air barrachd dheuchainnean mara airson cuid de rudan beaga a thàinig am bàrr a chur ceart.

Ach le coimhearsnachdan thall 's a bhos a' togail dragh, tha an suidheachadh gu mòr fo aire luchd-poileataigs ann iomairt taghaidh Pàrlamaid na h-Alba.

Anas Sarwar
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Anas Sarwar a' tadhal air Port Steòrnabhaigh Diluain

Thog ceannard nan Làbarach ann an Alba, Anas Sarwar, an gnothach is e a' tadhal air Steòrnabhagh Diluain.

Thuirt Mgr Sarwar gur e "sgainneal nàiseanta" a bhiodh ann nam biodh leithid de staing an lùib ghoireasan còmhdhail ann am meadhan na h-Alba.

Tha e ag ràdh gu bheil na h-aiseagan am measg nan "rudan bunaiteach" a gheibheadh riaghaltas fo cheann-san ceart.

'S e a fhreagairt, a bhith a' cur Caledonian Mac a' Bhriuthainn - a' chompanaidh a bhios a' ruith nan aiseagan - agus Caledonian Maritime Assets Eta (CMAL) - a' chompanaidh leis a bheil na soithichean fhèin - an ceann a chèile, airson buidheann aiseig ùr nàiseanta a chruthachadh.

Bhiodh riochdairean eileanach air a' bhuidhinn sin, tha e ag ràdh.

Stephen Flynn
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Stephen Flynn gun do chuir Riaghltas na h-Alba airgead mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh a dh'ionnsaigh fuasgladh fhaighinn

Fhreagair an SNP, a th' air a bhith a' riaghladh aig Holyrood bho 2007, gu bheil "dùbhlain" mu choinneimh lìonra nan aiseagan, ach nach robh guth sna gheall Mgr Sarwar air bàtaichean ùra a thogail.

"Tha an SNP a' cumail orra a' dèiligeadh ris an dùbhlan an lùib a bhith ag ùrachadh a' chabhlaich aosta a th' againn, le còrr air £2bn air a chur ri seirbheisean-aiseig bho thòisich sinne mar riaghaltas," thuirt labhraiche.

"Sin na tha na coimhearsnachdan eileanach againn ag iarraidh, agus 's e sin gu dìreach na tha sinn a' dèanamh."

Thuirt iad gu bheil barrachd sheòlaidhean gan ruith, a' frithealadh air barrachd shlighean na riamh roimhe, 's nach e "tuilleadh chnapan-cainnte" bho Mhgr Sarwar a tha a dhìth.

Alex Cole-Hamilton
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Alex Cole-Hamilton gu bheil coimhearsnachdan air am fàiligeadh

Gheall ceannard na Libearalach Deamocratach, Alex Cole Hamilton, crathadh a thoirt air structar nan aiseagan gus guth nas làidire a thoirt do choimhearsnachdan.

"Tha an SNP air coimhearsnachdan eileanach agus coimhearsnachdan air a' chosta fhàiligeadh gu tur, a' bogadh ar cabhlach aiseagan ann am fìor èiginn," thuirt Mgr Cole Hamilton.

"Tha sinn a' feumachdainn nas fheàrr na sin.

"Chuireadh na Lib Deamaich bile aiseagan air adhart san ath phàrlamaid, a chuireadh coimhearsnachdan aig cridhe a' phròiseas airson aiseagan ùra fhaighinn."

Malcolm Offord
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Malcolm Offord ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' cur beatha eileanach troimhe-chèile

Thuirt Reform UK gu bheil e deatamach dha coimhearsnachdan agus eaconomaidh na h-Alba gun tèid cùisean a leasachadh.

Tha am partaidh a' moladh prògram leantainneach deich bliadhna de dh'ùrachadh air soithichean agus leasachaidhean air calaidhean.

"'S e coimhearsnachdan eileanach a tha seo, a tha nan àitichean beòthail," thuirt ceannard a' phàrtaidh an Alba, Malcolm Offord.

"Bidh mòran dhaoine dìreach gam faicinn as t-samhradh 'son luchd-turais, ach dha-rìribh tha coimhearsnachdan mòra a tha a' fuireach 's ag obair an sin, 's tha am beatha ga cur troimhe-chèile.

"Chan eil e math dhan eaconomaidh, 's chan eil e a' coimhead math 'son Alba."

Russell Findlay
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh coimhearsnachdan eileanach a thrèigsinn, a rèir Russell Findlay

Tha suidheachadh nan aiseagan air na h-eileanan "a thrèigsinn" a rèir nan Tòraidhean is iadsan cuideachd airson CalMac agus CMAL a chur còmhla, a thuilleadh air 1.5 soitheach ùr a thogail gach bliadhna.

"Chaidh na coimhearsnachdan eileanach againn gu tur a thrèigsinn," thuirt ceannard nan Tòraidhean, Russell Findlay.

"'S e daoine a tha seo nach urrainn falbh a dh'obair, nach fhaigh air an gnothaichean làitheil a dhèanamh - ann an cuid de shuidheachaidhean chan fhaigh iad air a dhol gu coinneamhan meadaigeach no cùram aillse.

"Sin uile leis gun do dh'fhaillich air riaghaltas an SNP gu tur rud bunaiteach mar beagan aiseagan a thogail."

Ross Greer
Fo-thiotal an deilbh,

Tha eileanaich airidh air siubhal aiseig an-asgaidh bho seo a-mach mar dhìoladh, a rèir Ross Greer

Mhol na h-Uainich gun deadh aig eileanaich air siubhal air aiseagan an-asgaidh bho seo a-mach mar dhìoladh airson na buaidh a thug an troimhe-chèile orra thar nam bliadhnaichean.

"'S e am prìomhachas a dh'fheumas a bhith ann aiseagan fhaighinn dha na coimhearsachdan eileanach a tha seo," thuirt co-cheannard nan Uaineach, Ross Greer.

"Sin agus airgead-dìolaidh a thabhainn orra airson a' mhilleadh a rinneadh mar thà.

"Tha na h-uimhir de dh'fhaochadh chìse ann do ghnothachasan anns na h-Eileanan, ach luchd-còmhnaidh eileanach fa-leth, tha iadsan airidh air siubhal an-asgaidh a' dol air adhart mar dhìoladh air a' chall a thàinig orra," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo