Dave air an t-slighe is dùil ri gaoth mhòr is sneachd

An t-Òban aig àm Stoirm EowynTùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhaidhean aimsire a chur an sàs is dùil ri gaoth mhòr is sneachd an cois Stoirm Dave deireadh-seachdain na Càisge.

Tha dùil gun toir an stoirm buaidh air a' chosta an iar agus air tìr-mòr na Gàidhealtachd Disathairne is Didòmhnaich.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSEN gum faodadh a' ghaoth 100msu a ruighinn san Eilean Sgitheanach agus anns na h-Eileanan an Iar

Tha iad ag ràdh gu bheil planaichean aca deiseil airson dèiligeadh ri call dealain sam bith.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe airson gaoithe, taobh a-muigh a chur an sàs eadar 6:00f Disathairne agus meadhan-là Didòmhnaich.

A thuilleadh air seo, tha rabhadh buidhe eile ann airson sneachda, taobh a-muigh eadar 3:00f Disathairne is 03:00m Didòmhnaich.

"Dh'fhaodadh gun ruig a' ghaoth 50-60msu ann an grunn sgìrean, is 60-70msu ann an àitichean nas fhosgailte," thuirt Oifis na Sìde.

"Tha teansa aig amannan gum bi uspagan 80-90msu ann an an àitichean fosgailte."

Thuirt iad gu bheil cunnart ann gun laighe sneachd air rathaidean air talamh àrd.

Bha Caledonian Mac a' Bhriuthainn mar-thà air rabhadh a thoirt seachad gu bheil dùil gun toir an aimsir ris a bheil dùil droch bhuaidh air na h-aiseagan.

Ged a tha CalMac air planaichean eadar-amail a dhèanamh airson dèiligeadh ris an staing a tha a' bualadh orra an-dràsta, thuirt iad nach tèid a chur an sàs gu às dèidh deireadh-seachdain na Càisge leis nach bi e comasach bàtaichean a ghluasad air feadh an lìonra air sgàth Dave.

Tha dùil gun sochraich an aimsir mar a thèid an là air adhart Didòmhnaich.