CalMac an dùil an Glen Sannox is an Isle of Islay a chur air slighean nan Eilean Siar

Thòisich an Isle of Islay ann an seirbheis Dimàirt ach dh'fhaodadh gum bi i air slighe an triangle bhon ath-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air planaichean ùra eadar-amail fhoillseachadh 'son dèiligeadh ris an staing anns a bheil iad is iad ag amas air an MV Glen Sannox is MV Isle of Islay a chur air slighean nan Eilean Siar an ath-sheachdain.
Tha a' chompanaidh air a ràdh anns na làithean mu dheireadh gu bheil dìth bhàtaichean air am fàgail ann an suidheachadh cho dùbhlanach 's a bha riamh aca.
Ann am brath ùr, thuirt àrd-oifigear na companaidh Donnchadh Mackison gu bheil dùil ris an Glen Sannox air ais ann an seirbheis Diardaoin eadar An Truthail is Brodaig às dèidh dhi a bhith briste.
Thog e cuideachd air mar a thòisich an t-aiseag ùr aca an Isle of Islay air slighe Ìle Dimàirt.
Thuirt Mgr Mackison ge-tà, gu bheil dùil ri fìor dhroch shìde air deireadh-seachdain na Càisge a bheir buaidh a bharrachd air seirbheisean.
Thuirt e gu bheil e cuideachd mothachail gur iad seirbheisean anns na h-Eileanan an Iar, is seirbheisean Cholla, Thiriodh is Cholbhasa a tha a' fulang gu sònraichte ri linn nan duilgheadasan a th' ann.
Tha CalMac mar sin an dòchas aiseagan a ghluasad Dimàirt seo tighinn gus faochadh a thoirt air gnothaichean.
Thuirt iad gu bheil an aimsir a' fàgail nach bi e comasach aiseagan a ghluasad ron sin.
MV Isle of Islay air seòladh
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Staing nan aiseagan air aire luchd-poileataigs an iomairt an taghaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
'S e am plana aca bho Dhimàirt aig an ìre seo:
An Glen Sannox a chur air slighe Bharraigh ma shoirbheachas le deuchainnean an toiseach
An Isle of Islay a chur air an t-slighe eadar Ùig, an Tairbeart is Loch nam Madadh
Thuirt iad gum biodh seo a' leigeil leotha an MV Clansman a chur air an t-slighe eadar an t-Òban is Colla, Tiriodh is Colbhasa, agus an MV Isle of Mull a chur eadar an t-Òban is Creag an Iubhair.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad mothachail gum biodh seo a' fàgail gur e an MV Finlaggan a-mhàin a bhiodh a' frithealadh air Ìle is an MV Caledonian Isles a-mhàin air slighe Arainn.
Bhiodh am plana eadar-amail "fo-sgrùdadh", thuirt CalMac, le dùil gum biodh e ann an àite gus an till an MV Hebrides às an doc.
Aig an ìre seo tha dùil gun tachair sin air an 15mh den Ghiblean.
Dh'fhaodadh e atharrachadh cuideachd nan tilleadh an MV Isle of Arran is an MV Lord of the Isles, is iad ri chèile briste an-dràsta.
Thabhainn Donnchadh Mackison cuideachd leisgeul às ùr airson nan trioblaidean a th' ann.