Loidse Ùige a-nis an lùib oighreachdan mòra prìobhaideach eileanach

- Air fhoillseachadh
Tha loidse Bhictòrianach a thog Sir Seumas MacMhathain air a dhol na phàirt de dh'Oighreachdan Rèasoirt aig a bheil sealbh air na mìltean acairean de dh'fhearann ann an Leòdhas agus na Hearadh.
Tha Loidse Ùige air a bhith air a ruith leis an aon teaghlach bho 1981. Tha e suidhichte air talamh machrach le seallaidhean brèagha air Tràigh Eadar Dhà Fhadhail.
Tha seòmraichean-cadail gu leòr ann do 17 luchd-tadhail agus tha raon-goilf le naoi tuill ri thaobh.
Tha cead iasgaich air Abhainn an Fhorsa agus seirbheisean gille a' tighinn leis an togalach.
Tha Manaidsear Oighreachd Rèasoirt, Innes Moireasdan, ag ràdh gu bheil iad "cinnteach gun soirbhich leis an loidse sna bliadhnaichean ri teachd agus gum bi cothroman obrach ann don choimhearsnachd, a' cumail dhaoine òga san sgìre".
- Tùs an deilbh, GEOGRAPH/JOHN FERGUSON

Fo-thiotal an deilbh, Chùm Mgr Scarr-Hall Caisteal Amhuinnsuidhe nuair a reic e Oighreachd Ceann a Tuath na Hearadh ris a' choimhearsnachd
1 de 4
A bharrachd air Loidse Ùige a-nis, tha trì oighreachdan eile aig compnaidh an fhir-ghnothachais Ian Scarr-Hall: Morsgail is na h-Àirde Bige, Tamnabhaigh is Ùige ann an Leòdhas cho math ri Amhuinnshuidhe sna Hearadh.
Chùm Mgr Scarr-Hall smachd air Caisteal Amhuinnsuidhe agus na còraichean seilge is iasgaich nuair a reic e Oighreachd Ceann a Tuath na Hearadh ris a' choimhearsnachd ann an 2003.
Chuir Urras Leasachaidh Ùige buidheann air chois an-uiridh airson coimhead air an gabh Oighreachd Thamnabhaigh is Ùige a cheannach às leth na coimhearsanchd ma nochdas cothrom a leithid a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2025

- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024



