Thug comhairlichean cead do sgeama taigheadais air seann làrach an RAF

Thòisich an obair air 34 taigh a fhuair cead mar-thà
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar air taic a chur ri planaichean airson 94 dachaigh air talamh a bha uair leis an RAF faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh.
Tha an luchd-leasachaidh, CalMax, a' faighinn cuid den mhaoineachadh bho SSEN leis gum bi na taighean an-toiseach na àite-còmhnaidh do luchd-obrach na companaidh cumhachd saus gu 2030.
Às dèidh sin, bhiodh cuid dhiubh gan toirt seachad mar thaigheadas aig prìs reusanta ann an co-bhanntachd eadar CalMax agus Tighean Innse Gall, agus an còrr gan reic.
Chuir buill a' Bhùird Dealbhachaidh an taic ris a' mholadh Dimàirt agus ghabh an coinneamh den làn-chomhairle a dh'aona-ghuthach ris Diciadain.
Beachdan gan sireadh mu 94 taighean ùra ri taobh Port-adhair Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Chaidh cead dealbhachaidh mar-thà a thoirt seachad airson 34 taighean aig an làraich, agus tha an obair air tòiseachadh.
Am measg na bha a' cur an aghaidh a' phròiseict bha Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig agus dragh orra gun robh e ro mhòr airson na làraich.
Bha ath-chuinge ann le 40 ainm.
Bha draghan eile ann nach robh an sgeama a' tighinn a rèir a' phlana leasachaidh ionadail agus mun dòigh san deach conaltradh poblach a chumail.
Chuala buill gun robh e mar dhleastanas laghail don Chomhairle innse do Riaghaltas na h-Alba gun do chuir SEPA an aghaidh an leasachaidh. Bha dragh aig a' bhuidheann àrainneachd mu thuiltean.
Tha cead aig ministearan an t-iarrtas a tharraing air ais gus am beachdaich iad fhèin air taobh a-staigh 28 là.