Cead do sgeama taigheadais connspaideach ann an Leòdhas

Tha dùil gum biodh na taighean air an togail ro dheireadh 2027
- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean air cead-dealbhachaidh a thoirt do phlana 94 taigh a thogail faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh a dh'aindeoin dhraghan luchd-còmhnaidh.
Tha mòran de mhuinntir Mhealaboist is Braigh na h-Aoidhe air dragh a thogail mun leasachadh a bhios an toiseach na àite comhnaidh do luchd-obrach SSEN a tha gu bhith a' togail dà stèisean-dealain ùr air iomall Steòrnabhaigh.
Às dèidh sin, bhiodh cuid dhiubh gan toirt seachad mar thaigheadas aig prìs reusanta ann an co-bhanntachd eadar a' chompanaidh-togail CalMax agus Tighean Innse Gall, agus an còrr gan reic.
Tha cuid den mhaoineachadh airson a' phròiseict a' tighinn bho SSEN.
Bhathar a' moladh do Bhòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt seachad; bidh an co-dhùnadh deireannach aig coinneimh den làn-chomhairle Diciadain.
Chaidh cead dealbhachaidh mar-thà a thoirt seachad airson 34 taighean aig an làraich.
Beachdan gan sireadh mu 94 taighean ùra ri taobh Port-adhair Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Tha cuid anns an sgìre air dragh a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an leasachadh, ag ràdh nach eil a mheud a rèir charactar na sgìre, agus gum faodadh cunnart a bhith ann bho thuiltean.
Bha Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig agus a' bhuidheann àrainneachd SEPA air cur an aghaidh nam planaichean.
Bha oifigearan dealbhachaidh Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh, ge-tà, gum biodh an leasachadh a' coinneachadh ri feum a th' ann gu h-ionadail airson taigheadais.
Ged nach eil e a rèir poileasaidh an riaghaltais , taobh a-muigha thaobh thuiltean, thathas a' tomhas gu bheil nàdar na làraich agus ceumannan dìon a tha gan cur an sàs a' fàgail nach biodh an làrach fhèin, no làraichean eile, ann an cunnart, a' ciallachadh nach fheumar an làrach a sheachnadh air an adhbhar sin.