Ullachadh na h-Alba a' leantainn air thoiseach air Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 09:13 GMT 27 Am Màrt
09:13 GMT 27 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Ged a bha briseadh-dùil aig a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath is Poblachd na h-Èireann is uile iad a' call Diardaoin anns na geamaichean play-off aca gus Cupa na Cruinne a ruighinn, tha sùilean Steve Clarke is sgioba na h-Alba gu mòr air na Stàitean Aonaichte.
Tha dà ghèama càirdeil aca a-nise anns na làithean ri tighinn is Alba gus cluich an aghaidh Iapan agus Côte d'Ivoire.
Bidh Dòmhnall MacEunraig aig a' gheama an aghaidh Côte d'Ivoire.
Tha esan ag ràdh gur e cothrom air leth a tha seo do Chlarke diofar rudan fheuchainn air thoiseach air Cupa na Cruinne.
Spòrscast: "Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn feuchainn air coidse eile"air fhoillseachadh aig 08:16 GMT 26 Am Màrt
08:16 GMT 26 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
San Spòrscast as ùire shuidh Javen Houston sìos le Calum MacNeacail agus Jamie Kieran gus bruidhinn mu iomairt sgioba rugbaidh na h-Alba ann am Farpais nan Sia Dùthchannan.
Às dèidh do dh' Alba crìochnachadh san treas àite tha ceistean fhathast ann mu Ghriogair Townsend agus a dhreuchd os cionn na sgioba.
Fhuair Calum agus Jamie cothrom bruidhinn air na clubaichean aca Warriors Ghlaschu agus Dùn Èideann cuideachd is astar mòr eadar an dà sgioba anns an URC.
ICT an sàs an iomairt gus deuchainnean aillse a bhrosnachadhair fhoillseachadh aig 14:11 GMT 25 Am Màrt
14:11 GMT 25 Am Màrt
Tùs an deilbh, SNS
Tha Caley Thistle Inbhir Nis air fear de na ciad chlubaichean ball-coise san dùthaich a tha air a dhol an sàs ann am pròiseact ùr feuch fireannaich a bhrosnachadh a dhol gu deuchainn airson aillse a' phròstata.
Bidh tachartas sònraichte aca aig Pàirc Chaledonian Diciadain an 29mh den Ghiblean is cothrom aig fir eadar 40 is 80 bliadhna a dh'aois a dhol fo dheuchainn.
'S e Iomairt Aillse Phròstata na h-Alba tha air cùl an sgrùdaidh is iad a' coimhead air mar a ghabhadh an siostam dheuchainnean is sgrìonaidh a th' ann a leasachadh.
Cha bhi aig na fir ach ri sampall fala a thoirt seachad.
Thèid toraidhean an sgrùdaidh a thoirt do NHS na h-Alba.
Tha Caley Thistle ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig tòrr fhireannach air adhart.
Tha iad a' gealltainn cuideachd ticeadan airson an sgioba fhaicinn dhan a h-uile duine a nì deuchainn.
"Chan e dìreach cluba ball-coise a tha seo - tha sinn mar phàirt mhòr den choimhearsnachd," thuirt Stiùiriche Coimeirsealta ICT, Anndra Benjamin.
"Nuair a chunnaic sinn gun robh seo a' tachairt, shaoil sinn gun robh e air leth freagarrach dhuinn.
"Tha iad ag amas air 25,000 fear a ruighinn agus mas urrainn dhuinne cuideachadh le dìreach pàirt bheag den sin bidh e na buannachd an dà chuid dhan phròiseact agus an luchd-taic a nì deuchainn."
Taghadh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:46 GMT 23 Am Màrt
09:46 GMT 23 Am Màrt
Tùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
Chaidh na geamaichean a tharraing airson ìrean tràtha Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thog Coinneach MacLeòid air a' gheama eadar na nàbaidhean Càrlabhagh is An Taobh Siar mar an fhear as tarraingiche a thàinig às an ad.
Tha na geamaichean aig sgiobaidhean nan Eilean Siar is sgiobaidhean Lìog Taobh Siar na Gàidhealtadhd mar a leanas:
Roinn nan Eilean Siar: Ro-chuairt
Càrlabhagh - An Taobh Siar
Athletic Steòrnabhaigh - Èirisgeigh
Barraigh - Nis
Roinn nan Eilean Siar: A' chiad chuairt
Uibhist a Tuath - Càrlabhagh/An Taobh Siar
Na Hearadh - Athletic Steòrnabhaigh/Èirisgeigh
An Rubha - Na Lochan
South End - United Steòrnabhaigh
Saints an Ìochdair - Am Bac
Barraigh/Nis - Beinn na Faoghla
Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: Ro-chuairt
An Slag Buidhe - Malaig
Graham Academicals - An Gearasdan
Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: A' chiad chuairt
An Slag Buidhe/Malaig - Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich
Caol Àcain - An Ràthaig Mhòr
Slèite is an Srath - An Tom Aiteann
A' Chananaich/Ferry United - Port Rìgh
Blackrock Rovers - Graham Academicals/An Gearasdan
Am Baile Ùr fhathast aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 09:01 GMT 23 Am Màrt
09:01 GMT 23 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Javen Houston ag aithris air Loch Abar an aghaidh Chinn Loch Seile, An Gearasdan an aghaidh Chaoil Bhòid, is Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chabar Fèidh. Saoil an e buille-peanais a bh' ann?
Neartaich Baile Ùr an t-Slèibh an suidheachadh aca aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear air an deireadh-sheachdain nuair a rinn iad a' chùis air na Sgitheanaich 3-0 ann am Port Rìgh.
Chuir Iain Robinson na trì dhiubh is còig aige mar-tha air an t-seusan seo: toiseach-tòiseachaidh math gu ruige an 40 tadhal a dh'iarr Peadar Ros bhuaithe mus deach ball a bhualadh.
Tha am Baile Ùr aig bàrr na lìge le sia puingean is An Gearasdan, Ceann a' Ghiùthsaich is Ceann Loch Seile uile air an cùlaibh le ceithir, is iad cuideachd air geama nas lugha a chluich.
Rinn An Gearasdan a' chùis air Caol Bhòid 2-1 Disathairne is 's e 2-1 a bh' ann cuideachd do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chabar Fèidh.
Bha ceist air cuid mun cho-dhùnadh gus buille-peanais a thoirt do Kings anmoch sa gheama.
Faodaidh sibh fhèin co-dhùnadh às dèidh sùil a thoirt air a' bhideo gu h-àrd.
'S e 2-1 a bh' ann do Cheann Loch Seile cuideachd an aghaidh Loch Abair, is am manaidsear aca Uilleam MacRath ag aideachadh gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.
Sa gheama eile rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-1 air Caol-Gleann.
Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là a-rithist aig Camanachd Leòdhais, a thill bho a bhith 3-1 air dheireadh gus a' chùis a dhèanamh air Cill Mhàilidh 4-3.
Tha ceithir puingean aig na Leòdhasaich bhon dà gheama aca gu seo is iad air tòiseachadh gu làidir fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers.
Bha sgiobaidhean na Prìomh Lìge nan tàmh ann an iomain nam ban ach bha trì geamaichean san Lìog Nàiseanta.
Rinn Bàideanach an gnothach 6-0 air Gleann Garadh, 's e 5-2 a bh' ann do dh'Inbhir Aora an aghaidh Obar Dobhair, is 4-2 do Shrath Ghlais an aghaidh Shrath Spè.
Cead SFA do dh'Inbhir Ghòrdainair fhoillseachadh aig 11:19 GMT 20 Am Màrt
11:19 GMT 20 Am Màrt
Dh'innis Club Ball-Coise Inbhir Ghòrdain gu bheil iad air na ceumanan a choileanadh gus Cead SFA aig Ìre Entry fhaighinn.
Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh cead aca cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd.
Gu seo cha robh Cead Entry ach aig Golspie Sutherland ann an Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath.
Chan eil Cead Entry aig gin de na clubaichean ann an Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, an lìog eile a fo Lìog na Gàidhealtachd.
Tha Inbhir Ghòrdain air sreath de leasachaidhean a dhèanamh aig an dachaigh aca, na Recreation Grounds, anns na mìosan mu dheireadh ann an oidhirp Cead Entry fhaighinn.
Bha oifigich bhon SFA ann an Inbhir Ghòrdain an t-seachdain seo gus sgrùdadh a dhèanamh is thuirt an cluba gun deach innse dhaibh gu bheil iad air a h-uile ceum a choileanadh.
Ma tha Cead Entry aig a' chluba a bhuannaicheas Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath, fo na riaghailtean, bhiodh geamaichean play-off ann airson cothrom a thoirt dhaibh a dhol suas gu Lìog na Gàidhealtachd.
Leis nach eil Cead Entry aig clubaichean Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, rachadh Inbhir Ghòrdain dìreach gu play-off an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn Lìog na Gàidhealtachd.
An-dràsta 's e Rathais a tha sin.
Tha mì-chinnt ann ge-tà, a thaobh cò mheud sgioba a bhios ann an Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheusan is Brora Rangers is Brechin City ann an rèis airson a dhol suas gu Lìog na h-Alba, agus Brechin gu bhith a' gluasad gu Lìog ùr na Galldachd an Ear mura faigh iad suas.
Dh'fhaodadh fhathast mar sin gum faigh Inbhir Ghòrdain àite ann an Lìog na Gàidhealtachd às aonais play-off a chluiche.
Spòrscast: Seusan ùr na h-iomainair fhoillseachadh aig 08:01 GMT 19 Am Màrt
08:01 GMT 19 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
San Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air seusan ùr na h-iomain. Am measg a' chòmhraidh aca, thog iad air cò bhios làidir aig ceann Prìomh Lìog nam Fear, Loch Abar agus Caol-Gleann a tha air gluasad suas bhon Lìog Nàiseanta, agus cò dh'fhaodadh a bhith an an cunnart aig bonn chùisean!
ICT a' gluasad trì puingean air thoiseachair fhoillseachadh aig 11:19 GMT 18 Am Màrt
11:19 GMT 18 Am Màrt
Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis trì puingean air thoiseach aig mullach Lìog 1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann Phàdraig 3-1 oidhche Mhàirt.
Chuir Chanka Zimba Caley Thistle air thoiseach aig Pàirce Caledonian mus d' fhuair Jordan Alonge an dàrna tadhail aca ro leth-ùine.
Fhuair Zimba tadhal eile tràth san dàrna leth airson ICT a chur ann an suidheachadh nas comhurtaile buileach.
Fhuair Kieran Shanks tadhal air ais do Cheann Phàdraig ach cha d' fhuair iad càil nas fhaisge agus 's iad Caley Thistle a thog na puingean.
Tha sin gam fàgail a-niste trì puingean air thoiseach air Stenhousemuir aig a' mhullach is seachad geamaichean den t-seusan air fhàgail.
Cluichidh ICT Disathairne air falbh bhon taigh an aghaidh Alloa, a tha an-dràsta san treasa àite san lìog.
"Feumaidh sinn geamaichean a chur às an t-sealladh"air fhoillseachadh aig 11:00 GMT 16 Am Màrt
11:00 GMT 16 Am Màrt
Thuirt cluicheadair Chaley Thistle Inbhir Nis, Alfie Stiùbhart, gum feum iad a bhith nas fheàrr ann a bhith a' cur crìoch air na cothroman aca às dèidh dhaibh puingean a leigeil às anmoch Disathairne an aghaidh Cove Rangers.
Fhuair am fear-glèidhidh aig Cove, Balint Demus, tadhal bho chornair ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheam airson puing a thogail dhan sgioba.
Bha Stiùbhart air Caley Thistle a chur air thoiseach sa chiad leth le tadhal eireachdail bho thaobh a-muigh a' bhocsa.
A' bruidhinn às dèidh a' gheam ge-tà, thuirt Stiùbhart gum feum iad barrachd chothroman a chruthachadh aig an taigh airson geamaichean a chur às an t-sealladh.
"Bha cothrom neo dhà againn sa chiad leth - na tadhail nach robh mi a' smaoineachadh a bha dheth, ach fiù 's aig an sin bu chòir dhuinn a bhith cruthachadh barrachd chothroman airson an geam a bhuannachadh.
"Mar sgioba tha fios againn nach eil sin math gu leòr aig an taigh.
"Bu chòir dhuinn a bhith a' cur a' gheam dhan leabaidh sa chiad leth.
"Ach chan eil sinn a' gabhail nan cothroman againn air an t-seusan sa. Tha sinn a' strì anmoch ann an geamaichean airson fuireach air thoiseach 1-0.
"Tha an sgioba air fad den bheachd gum feum sinn an dàrna tadhal fhaighinn, agus bhiodh sin na chuideachadh mhòr dhuinn," thuirt e.
County air ais aig a' bhonn
Cha robh deireadh-seachdain ro mhath nas motha aig Ross County a tha e air ais aig bonn Championship na h-Alba.
Chaill na Staggies 1-0 ri St Johnstone ann am Peairt, gam fàgail co-ionnann leis an An Àrd-Rèidh air puingean ach air an cùlaibh air sgaradh thadhal, às dèidh dha na Daoimeanan crìochnachadh 0-0 le Obar Bhrothaig.
An aon thogail do Chounty 's e gun do chaill an dà sgioba eile as fhaisge orra, Raith Rovers agus Greenock Morton, a' ciallachadh gu bheil an dà sgioba sin le chèile fhathast dìreach trì puingean os an cionn.
Taghadh Chupa na Prìomh Lìgeair fhoillseachadh aig 08:52 GMT 16 Am Màrt
08:52 GMT 16 Am Màrt
Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich airson farpais ùr ann an iomain nam ban.
Bidh dusan cluicheadair air gach sgioba ann an Cupa na Prìomh Lìge.
Tha na geamaichean sa chiad chuairt mar a leanas:
An t-Eilean Sgitheanach - Loch Abar
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Ceann Loch Seile
Tha Bàideanach is Inbhir Nis a' dol dìreach dhan ath chuairt.
Bidh na geamaichean ann deireadh-seachdain an 18mh is 19mh den Ghiblean.
Rinneadh an taghadh às dèidh a' gheama mhòir eadar Bàideanach is Loch Abar sa Phrìomh Lìog, geama a bhuannaich Bàideanach 1-0.
Briseadh-dùil do Leòdhas is na Hearadh am Fìobhaair fhoillseachadh aig 08:08 GMT 16 Am Màrt
08:08 GMT 16 Am Màrt
Tùs an deilbh, Comann Ball-Coise Amaitearach na h-Alba
Chaill sgioba thaghte Leòdhais is na Hearadh ann am Fìobha air an deireadh-sheachdain is iad a' cluich ann am farpais ùr an Inter League Trophy aig Comann Ball-Coise Amaitearach na h-Alba.
Rinn Rìoghachd Fìobha an gnothach 2-0 air na h-eileanaich aig Bayview, dachaigh East Fife.
Thuirt manaidsear Leòdhais is na Hearadh, Colin George Moireasdan, gur e sgioba làidir a bha ann am Fìobha ach gun do chluich Leòdhas is na Hearadh deagh bhall-coise.
Thuirt Colin George gun robh na h-eileanaich mì-fhortanach an geama a chall 2-0.
Am Baile Ùr aig a' mhullach is Robinson air a dhòighair fhoillseachadh aig 17:57 GMT 15 Am Màrt
17:57 GMT 15 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thuirt Iain Robinson gun robh e a' faireachdainn gun robh Baile Ùr an t-Slèibh gu math airidh air an dà phuing a chuir iad air thoiseach air càch aig mullach na Prìomh Lìog ann an iomain nam fear.
Air là nuair a rinn droch aimsir sgrios air clàr nan geamaichean, 's e am Baile Ùr an aghaidh Loch Abair an aona gheama a chaidh air adhart sa Phrìomh Lìog Disathairne.
Cha robh ann ach aon tadhal is 'e Robinson a fhuair e, a' fàgail a' Bhaile Ùir aig a' mhullach le ceithir puingean bhon dà gheama a chluich iad.
Cha robh ach aona gheama san Lìog Nàiseanta cuideachd far an do chuir Gleann Urchadain deich tadhal seachad air Ceiltich an Òbain.
Tha sgioba a' Ghlinne aig bàrr na lìge ach tha a h-uile coltas ann gu bheil seusan fada ro Cheiltich an Òbain, a tha a-nise air call 9-0 is 10-0 san dà gheama aca gu seo.
Rinn an t-uisge trom milleadh cuideachd air iomain nam ban ach chaidh aona gheama air adhart sa Phrìomh Lìog Didòmhnaich agus 's e fear mòr a bh' ann: Bàideanach an aghaidh Loch Abair.
An turas seo 's iad Bàideanach a rinn a' chùis sa bhlàr eadar an dà sgioba as làidire san spòrs is Hope Borthwick air an targaid ann an Ceann a' Ghiùthsaich.
Làmh an uachdair aig sgioba Bhàideanach ma-tha aig an ìre thràth seo den t-seusan.
Alba ag amas air na Sia Dùtchannan: "Seo an cothrom as fheàrr a th' air a bhith againn"air fhoillseachadh aig 12:02 GMT 13 Am Màrt
12:02 GMT 13 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha sgioba na h-Alba ag amas air eachdraidh a dhèanamh Disathairne is cothrom aca air Farpais nan Sia Dùthchannan a bhuannachadh 'son a' chiad uair.
Feumaidh iad a' chùis a dhèanamh air Èirinn, is feum aca cuideachd air fàbhar bho na Sasannaich a tha a' cluich na Frainge.
Ged a bha làmh an uachdair aig na h-Èireannaich an aghaidh Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Jamie Kieran am measg luchd-taic a tha misneachail.
Linn ùr eile aig Pittodrieair fhoillseachadh aig 11:49 GMT 13 Am Màrt
11:49 GMT 13 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tòisichidh linn Stephen Robinson aig stiùir Obar Dheathain Disathairne nuair a chuireas na Dons fàilte air an Eaglais Bhric.
Thuirt Robinson, a bha na mhanaidsear air St Mirren, nach b'urrainn dha cluba mar Obar Dheathain a dhiùltadh.
Tha Iain MacDiarmaid am measg luchd-taic a tha an dòchas gun urrainn dha Robinson gnothaichean a leasachadh aig Pittodrie.
Tha sùil aig Iain gu sònraichte air cothrom a thoirt do dh'òigridh.
"An dùbhlan as motha san lìog" ro Ross County Disathairneair fhoillseachadh aig 17:06 GMT 12 Am Màrt
17:06 GMT 12 Am Màrt
Tùs an deilbh, SNS
Thuirt manaidsear Ross County, Stuart Kettlewell, gu bheil an dùbhlan as cruaidhe san lìog mun coinneimh Disathairne nuair a thèid iad an aghaidh St Johnstone ann am Peairt.
Tha na Saints an-dràsta aig bàrr na lìge le County san dàrna àite far a' bhonn às dèidh dhaibh sreap os cionn na h-Àrd-Ruighe leis a' phuing a fhuair iad an aghaidh Obar Bhrothaig an t-seachdain a chaidh.
'S e togail a bh' ann an sin is tha fhios gun d' fhuair am manaidsear spionnadh an t-seachdain seo cuideachd às dèidh dha bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear na mìos airson a' Ghearrain.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr sgiobaidhean a' cluich gu math an-dràsta, ach nuair a thèid thu chun na sgioba a th' aig bàrr na lìge, a tha a' cluich fìor mhath, a' sgòrradh is a' cumail thadhal a-mach, tha dùbhlan mu ar coinneimh ach 's e dùbhlan a th' ann ris a bheil sinn a' dèanamh fiughar," thuirt Kettlwell.
Thog Kettlwell cuideachd air cho teann is a tha an lìog is an diofar a dhèanadh e nam faigheadh sgioba air sreath de gheamaichean a bhuannachadh.
"Ma 's urrainn do sgioba dhà, trì, ceithir geamaichean a bhuannachadh ann an sreath tha e ag atharrachadh na lìge cho mòr.
"Cuid de lìogan chan eil sin a' tachairt. Ged a bhuannaicheadh sgioba sreath de gheamaichean chan eil iad a' gluasad cus.
"Ach anns an Championship, ma gheibh sgioba sreath den t-seòrsa sin a' dol, dhèanadh e diofar mòr," thuirt e.
Spòrscast: Somhairle, athair agus tandemair fhoillseachadh aig 12:06 GMT 12 Am Màrt
12:06 GMT 12 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
San Spòrscast as ùire tha Calum MacIllinnein a' cluinntinn nan sgeulachdan air cùlaibh an t-sreath de phrògraman a rinn Somhairle MacIain air BBC ALBA o chionn ghoirid - agus na cleasan a bh' aige fhèin agus athair nuair a chaidh iad air turas mun cuairt Ìle air tandem, am measg eile!
Toiseach-tòiseachaidh làidir dha Raghnall Ros aig stiùir Chinn a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 09:31 GMT 9 Am Màrt
09:31 GMT 9 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Calum MacIllinnein ag aithris air a' gheama eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Thòisich linn ùr Raghnaill Rois ann an Ceann a' Ghiùthsaich mar a bhiodh e ag iarraidh is an sgioba a' dèanamh a' ghnothaich 3-0 air na Sgitheanaich aig an Dell.
Bha fìor dheagh là aig na nàbaidhean aca cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air soirbheachadh 4-2 an aghaidh Camanachd an Òbain aig Mossfield.
Thòisich an Gearasdan gu làidir is iad a' soirbheachadh 4-0 an aghaidh Chabar Fèidh.
'S e 4-0 a bh' ann cuideachd dha Loch Abar an aghaidh Chaol Bhòid is sgioba Drochaid an Aonachain a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog le brag.
'S e là eachdraidheil a bh' ann do Chaol-Gleann is a' chiad gheama aca sa Phrìomh Lìog, ach bha e cuideachd na shealladh air an deuchainn a tha romhpa is iad a' call 3-0 aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.
Ann an Lìog Tuath 2 bhuannaich na Leòdhasaich a' chiad gheama aca fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers is iad a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh na Manachainn.
Ann an iomain nam ban thug na Sgitheanaich geama gu math dùbhlanach dha Loch Abar ach 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr 1-0.
Bha Bàideanach cofhurtail is iad air buannachadh 5-1 air falbh an aghaidh Inbhir Nis.
Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn GMA a' chùis 2-0 air Gleann Urchadain.
Comann Camanachd nam Ban aig 25 is seusan ùr a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 16:14 GMT 6 Am Màrt
16:14 GMT 6 Am Màrt
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tòisichidh seusan ùr ann an iomain nam ban air an deireadh-sheachdain le clach-mhìle is Comann Camanachd nam Ban a' comharrachadh 25 bliadhna.
'S ann aig Bàideanach is Loch Abar a bha làmh an uachdair aig an ìre as àirde den gheama bho chionn ghoirid is tha a h-uile coltas ann gum bi iadsan gu math làidir a-rithist.
Leasachadh aig a' Chreagan Dubhair fhoillseachadh aig 11:01 GMT 6 Am Màrt
11:01 GMT 6 Am Màrt
Tùs an deilbh, Cluba Ball-coise nan Loch
Tha leasachadh eile ann am ball-coise ionadail anns na h-Eileanan an Iar is na Lochan air stand ùr a thogail aig a' Chreagan Dubh.
Tha an cluba air an dòigh leis a' ghoireas ùr is iad ag ràdh gum bi fosgladh oifigeil ann fhathast.
Thàinig maoineachadh bho Oighreachd a' Chrùin agus maoin ionadail Innse Gall CLLD.
Tùs an deilbh, Cluba Ball-Coise nan Loch
Chan fhada gus am bi cothrom aig luchd-taic nan Loch an stand ùr a chur gu feum is an seusan ùr a' teannadh dlùth.
Rinn Comann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh na taghaidhean airson nan cupanan nas tràithe an t-seachdain seo is gheibhear am fiosrachadh air fad an seo.