Tagraichean na Gàidhealtachd is nan Eilean 'son taghadh Holyrood

Dealbh de Phàrlamaid na h-Alba le brandadh An Taghadh '26 thairis air
  • Air fhoillseachadh

Chaidh na tagraichean uile a dhearbhadh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba air an 7mh den Chèitean.

Bha gu 4:00f Diciadain 1 Giblean aig tagraichean an ainm a chur air adhart airson an taghaidh.

Seo am fiosrachadh mun fheadhainn a tha a' seasamh ann air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan.

Na h-Eileanan an Iar

Bidh sianar thagraichean a' sireadh taic an luchd-bhòtaidh sna h-Eileanan an Iar ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba:

  • Alasdair Allan - Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Jamie Dobson - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Coinneach MacCoinnich - An Caidreachas airson Alba a Shaoradh agus Uachdranais

  • Dòmhnall MacFhionghain - Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Seòras Mac a' Phearsain - Partaidh Tòraidheach na h-Alba

  • Malcolm Mac an t-Sagairt - Reform UK

An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach

Tha sianar a' seasamh san Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach:

  • Anndra Baxter - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Helen Crawford - Partaidh Tòraidheach na h-Alba

  • Laura Hansler - An Caidreachas airson Alba a Shaoradh

  • Isla McCay - Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Eilidh Rothach - Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Jon Whitton - Reform UK

Gallaibh, Cataibh is Ros

Tha seachdnar thagraichean ann an Gallaibh, Cataibh is Ros:

  • Daibhidh Green - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Eva Kestner - Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Anndra Dòmhnallach - An Caidreachas airson Alba a Shaoradh agus Uachdranais

  • Dòmhnall MacCoinnich - Partaidh Tòraidheach na h-Alba

  • Matt Sheppard - Advance UK

  • Maree Todd- Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Steven Welsh - Reform UK

Inbhir Nis is Inbhir Narann

Tha seachdnar thagraichean ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann:

  • Neil Alexander - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Fred Caimbeul - Reform UK

  • Fearghas Ewing - Neo-eisimeileach

  • Shaun Friseal - Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Emma Roddick - Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Steve Skerrett - Advance UK

  • Ruairidh Stiùbhart - Partaidh Tòraidheach na h-Alba

Earra-Ghàidheal is Bòd

Tha seachdnar thagraichean a' seasamh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd:

  • Calum George - Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Amanda Hampsey - Reform UK

  • Tommy Mac a' Phearsain - Neo-eisimeileach

  • Jenni Minto - Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Ailean Reid - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Mick Rice - Neo-eisimeileach

  • Peadar Wallace - Partaidh Tòraidheach na h-Alba

Sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean

A thuilleadh air ball a thaghadh anns na roinnean-taghaidh ionadail gu h-àrd - air an taghadh le pàipear-bhòtaidh lilac no purpaidh - bhòtaidh an sluagh cuideachd airson partaidh no tagraiche neo-eisimeileach airson Sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha seo ga dhèanamh le pàipear-bhòtaidh soilleir-orains.

Tha sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean a' toirt a-steach: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach; Arcaibh; Earra-Ghàidheal is Bòd; Gallaibh, Cataibh is Ros; Inbhir Nis is Inbhir Narann; Moireibh; Na h-Eileanan an Iar; Sealtainn.

Tha 16 partaidhean agus dithis thagraichean neo-eisimeileach gan cur air adhart ann an sgìre-taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thèid seachdnar bhall a thaghadh air an liosta seo air a' cheann thall.

Tha na partaidhean agus tagraichean neo-eisimeileach mar a leanas:

  • Advance UK

  • An Caidreachas airson Alba a Shaoradh

  • Guth Uaine Neo-eisimeileach

  • Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

  • Partaidh Crìostaidh na h-Alba

  • Partaidh Dùthchail na h-Alba

  • Partaidh Làbarach na h-Alba

  • Partaidh Libeirtèireach na h-Alba

  • Partaidh Luchd-obrach Bhreatainn

  • Partaidh Nàiseanta na h-Alba

  • Partaidh Neo-eisimeileachd na h-Alba

  • Partaidh Teaghlach na h-Alba

  • Partaidh Tòraidheach na h-Alba

  • Partaidh Soisealach na h-Alba

  • Partaidh Uaine na h-Alba

  • Reform UK

  • Donnchadh Mac a' Phearsain - Neo-eisimeileach

  • Mick Rice - Neo-eisimeileach

Bidh an taghadh air a chumail Diardaoin an 7mh den Chèitean agus bidh na h-ionadan-bhòtaidh fosgailte bho 7.00m gu 10.00f.

Thèid na bhòtaichean a chunntadh Dihaoine an 8mh den Chèitean.