Naidheachdan 11:00m

Cogadh san Ear-Mheadhanach

Thuirt Sir Keir Starmer gun toir an cogadh san Ear-Mheadhanch buaidh air an Rìoghachd Aonaichte ach gu bheil an dùthaich ann an suidheachadh math airson faighinn seachad air sin. Agus dh'innis am Prìomhaire aig Sràid Downing an-diugh gum bi àrd-choinneamh ann leis an Aonadh Eòrpach a dh'aithghearr. Thuirt e gu bheil càirdeas nas dlùithe air an EU fìor chudromach.

Cosgaisean cumhachd

Tha coltas ann, a rèir 's na thuirt an Seansalair, gur dòcha gum bi foghar ann mus tig taic de sheòrsa sam bith bhon Riaghaltas mu choinneimh chosgaisean cumhachd. Thuirt Rachel Reeves ann an agallamh dhan BhBC nach eil daoine a' cleachdadh uimhir de chumhachd fad an t-samhraidh. Agus thuirt i ma bhios taic ann gum bi sin stèidhichte air teachd a-steach dachaigh.

Prìs na h-ola

Thuirt an Ceann-suidhe Trump uair eile gum faodadh na Stàitean Aonaichte sguir den chogadh ann an Iran an ceann dhà neo trì sheachdainnean agus aon uair agus gun cuir iad às do chomas Tehran armachd niùclasach a thogail. Tha Mgr Trump air an leithid a ràdh ron seo. Thuit prìs na h-ola gu beagan nas lugha na $100 am baraile an-diugh ach tha sin fhathast faisg air 40% nas motha na bha mus do thòisich an cogadh.

Tracy Carragher

Tha ìmpidh air ceannard buidheann an SNP air Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath a dreuchd fàgail an dèidh dìteadh seann cheannard na comhairle sin, Jordan Linden, airson eucoirean feiseil. Thathas a' fàgail air Tracy Carragher nach tug i feairt fad-ùine air gearanan mu dhol a-mach Linden.

Sgeama taigheadais

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh an-diugh air cead-dealbhachaidh do sgeama taigheadais faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh anns am biodh faisg air 100 taigh. Thug am Bòrd Dealbhachaidh cead dhan sgeama an-dè, ged a tha mòran de mhuinntir na sgìre na aghaidh agus 's ann aig an làn-chomhairle a tha an co-dhùnadh deireannach an-diugh.

Tagraichean Albannach

Bu chòir liosta nan tagraichean airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean a bhith dèanta feasgar an-diugh. Tha an ceann-ùine airson sin ann aig 4:00f.