Mòd 2026: "Cothrom a bhith mar phàirt de rudeigin fìor shònraichte"

Chaidh Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich do dh'Fhionnlagh Morse an Loch Abar an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Tha seòid a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail a' brosnachadh dhaoine a dhol an sàs ann am farpaisean prìomh fhèis na Gàidhlig am-bliadhna.
Tha gu deireadh a' Chèitein aig daoine an ainm a chur air adhart airson an cuid sgilean air an àrd-ùrlar a thaisbeanadh agus 's dòcha duais a bhuannachadh.
Bidh cothrom ann do sheinneadairean, ceòladairean, còisirean, còmhlain-chiùil, buidhnean dràma, bàird, luchd-ealain agus seanchaidhean ann an Glaschu san Dàmhair.
Tha teachdaireachd dhaibh bho chuid den fheadhainn a shoirbhich roimhe.
Nam measg tha Fionnlagh Morse a bhuannaich Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Loch Abar an-uiridh.
Thuirt e: "'S e cothrom a th' anns a' Bhonn Òir dùbhlan a chur romhad, a bhith a' fas nas misneachaile, agus a bhith mar phàirt de rudeigin fìor shònraichte."

Tha Màiri Callan, a rinn a' chùis san t-seann nòs an Loch Abar, am measg na tha a' brosnachadh an ath-ghinealaich de dh'fharpaisich
Tha Màiri Callan, a fhuair Bonn Òir an t-Seann Nòis an Loch Abar, ag ràdh gur e "cothromh air leth a th' anns na farpaisean seinne cur ri ar eòlas mu òrain Ghàidhlig agus fàs a thoirt air ar sgìlean cànain cuide ri seann charaidean agus feadhainn ùra".
Tha Màiri air aon de na h-oidean an sàs ann an Acadamaidh a' Mhòid, a tha ag amas air barrachd chloinne a mhisneachadh pàirt a ghabhail san fhèis.
'S e iomairt a th' ann eadar Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach ris a bheil na mòdan an urra, agus chuir e gu mòr ris na bha de chloinn ionadail a bha a' farpais an-uiridh.
Tha Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal, Eilidh NicCoinnich, ag ràdh gu bheil iad air an dòigh leis an ùidh a nochd na ceithir sgoiltean Gàidhlig an Glaschu san Acadamaidh.
Thuirt i: "'S e dòigh fìor mhath a th' ann an òigridh a thoirt còmhla airson a bhith a' seinn còmhla agus tha sin cho math airson an cuid slàinte agus sunnd, gun luaidh air na sgilean cànain agus ciùil aca a thoirt air adhart."
- Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH

Fo-thiotal an deilbh, Robbie a thog cupa Dhòmhnaill MhicLeòid airson seinn aon-neach an Loch Abar
1 de 4
Thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllinnein: "Tha e mìorbhaileach fhaicinn gu bheil na ceudan de chloinn-sgoile a' faighinn na taice a dh'fheumas iad airson a dhol an sàs ann.
"Tha a h-uile coltas gur e Mòd air leth a bhios ann an Glaschu - na caillibh an cothrom a bhith mar phàirt dheth!"
Tha an t-iarrtas a' tighinn an dèidh don Chomunn Ghàidhealach innse gum bi atharrachaidhean air cunntadh nan comharran sna prìomh fharpaisean airson barrachd sheinneadairean a bhrosnachadh cur a-steach air an son.
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann eadar an 9mh agus an 10mh den Dàmhair.
Tha suas gu 31mh den Chèitean aig daoine cur a-steach airson nam farpaisean agus gheibhear fiosrachadh mun sin an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2025

- Air fhoillseachadh15 An Dàmhair 2025



