Naidheachdan 11:00m

Turas chun na gealaich

Tha rocaid NASA a' dol timcheall na cruinne an-dràsta le ceathrar air bòrd, agus iad a' dèanamh nan sgrùdaidhean mu dheireadh feuch an tèid aca air cumail orra len turas chun na gealaich. Chan eil iad a' dol a laighe air a' ghealaich ann ge-tà, ach tha iad an dùil a dhol nas fhaide ann am fànas na chaidh mac an duine riamh roimhe.

Cogadh Iran

Tha arm Iran air maoidheadh ionnsaighean nas làidire agus nas fharsainge a thoirt air na Stàitean Aonaichte agus Israel. Tha seo a' tighinn às dèidh òraid a' Chinn-suidhe Trump a-raoir agus e ag ràdh gun tèid ionnsaigh chruaidh a thoirt air Iran sna beagan sheachdainean ri thighinn. Thuirt Mgr Trump gu bheil iad air cùrsa gus amasan a' chogaidh a choileanadh an ceartair.

Prìs na h-ola

Tha àrdachadh mu 6.5% air tighinn air prìs na h-ola às dèidh òraid a' Chinn-suidhe Trump. Tha i a-nist aig còrr air $107 am baraile.

Grenfell

Tha buidheann dhen fheadhainn a thàinig beò à tubaist Grenfell air càineadh làidir a dhèanamh air na thuirt labhraiche taigheadais Reform UK. Bha Simon Dudley air a ràdh ged is 's e tubaist a bh' anns na thachair ann an 2017, thig bàs dhuinn uile air a' cheann thall. Tha Sir Keir Starmer air ìmpidh a chur air Nigel Farage Mgr Dudley a chur às a dhreuchd, 's tha Mgr Dudley fhèin air leisgeul a thabhainn airson na thuirt e 's e ag ràdh nach robh e airson dìmeas a dhèanamh air call beatha idir.

Taghadh na h-Alba

Tha 29 partaidh poilitigeach air iad fhèin a chur air aghaidh airson nan Taghaidhean Albannach sa Chèitean. Tha cha mhòr 600 tagraiche le sùil air a bhith nam ball aig Holyrood san ath phàrlamaid. Tha còig seachdainean de dh'iomairt romhpa a-nist mus bi an taghadh ann air an 7mh den Chèitean.

Tubaist rathaid

Chaidh boireannach, 88, a mharbhadh às dèidh làraidh bualadh innte fhad 's a bha i a' dol tarsainn an rathaid an Siorrachd Àir. Bhuail an làraidh HGV innte air a' phrìomh-shràid sa Leargaidh Ghallda goirid às dèidh 10.00 madainn an-dè. Thuirt na poilis gun do dh'eug i aig an làraich agus gu bheil an cuid rannsachaidh a' leantainn.