Am Pàipear a' beachdachadh air atharrachaidhean is làrach-lìn ùr aca

Am Pàipear
  • Air fhoillseachadh

Tha pàipear-naidheachd coimhearsnachd Uibhist, Am Pàipear, air làrach-lìn ùr fhoillseachadh 's gun dreachan clò-bhuailte gu bhith ann sa Ghiblean no sa Chèitean.

Thuirt Am Pàipear gun do dh'iarr am bòrd-stiùiridh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air a' ghnothachas, le mar a tha saoghal nam pàipearan-naidheachd ag atharrachadh.

Cha deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh fhathast ge-tà, thuirt iad, mu na thachras dhan iris san àm ri teachd.

"Le saoghal nan naidheachdan clò-bhuailte ag atharrachadh cho luath, agus le barrachd is barrachd dhaoine a' faighinn nan naidheachdan aca air-loidhne, tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi Am Pàipear anns an t-suidheachadh as treasa a ghabhas airson an ama ri teachd," thuirt iad ann am brath a sgaoil iad air na meadhanan-sòisealta.

Thathas a' beachdachadh air a h-uile rud, thuirt iad, a' toirt a-steach co-dhiù feumar prìs iarraidh airson stuthan didseatach.

"'S e am prìomh rud gun tig na naidheachdan fhathast, fiù 's ma 's ann air sgrìon seach nad làimh a tha iad airson treiseig," thuirt iad.