Linda Ervine air a taghadh mar chomhairleach do Cheann-suidhe na h-Èireann

- Air fhoillseachadh
Chaidh an tè-iomairt Ghaeilge Linda Ervine a thaghadh mar bhall ùr air Comhairle na Stàite ann an Èirinn.
Fo bhun-reachd na h-Èireann, bidh a' bhuidheann seo a' comhairleachadh a' chinn-suidhe.
A bharrachd air feadhainn aig àrd-ìre ann am poileataigs is siostam ceartais na h-Èireann, bidh cuideachd seachdnar air a' bhuidhinn a tha air an taghadh leis a' chean-suidhe fhèin.
Tha Catherine Connolly, a bha air a taghadh mar cheann-suidhe san t-Samhain, a-nise air na buill aice a thaghadh.
Rugadh Linda Ervine ann an teaghlach Pròstanach ann an taobh sear Bhéal Feirste.
Às dèidh dhi tòiseachadh air Gaeilge ionnsachadh tha i air obair mhòr a dhèanamh feuch suidheachadh a' chànain a leasachadh.
Tha i fad grunn bhliadhnaichean air a bhith an sàs sa bhuidhinn Turas, a tha ag obair fon phrionnsabal gur ann leis a h-uile duine ann an Èirinn a tha Gaeilge.
'S i cuideachd a tha os cionn na buidhne a stèidhich Scoil na Seolta ann an taobh sear Bhéal Feirste, a' chiad sgoil amalaichte Ghaeilge ann an Èirinn a Tuath.
Ionad Gaeilge ùr am Béal Feirste
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach 2014
Toiseach-tòiseachaidh ùr airson foghlam na Gaeilge an Èirinn a Tuath
- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal 2025
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan an-uiridh, dh'innis i mar a bha turas gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann an 2014 air a brosnachadh feuch sgoil Ghaeilge a stèidheachadh.
"Bha e follaiseach cho soirbheachail 's a bha e agus bha sin mar adhbhar brosnachaidh," mhìnich i.
"Bha e cuideachd ann an sgìre clas-obrach ann an Glaschu, agus sin rud a tha mi fhèin gu math eòlach air, a' tighinn bho leithid de sgìre ann am Béal Feirste.
"Agus chunnaic mi mar a bha sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil còmhla air aon làraich a' soirbheachadh.
"Sheall e na bha comasach."
Tha i cuideachd thar nam bliadhnaichean air togail air ceanglaichean eadar Gaeilge is Gàidhlig na h-Alba, is mar a tha a' Ghàidhlig làidir ann an coimhearsachdan Pròstanach.
A thuilleadh air Linda Ervine, chaidh Colin Harvey, Fionnuala Ní Aoláin, Kathleen Lynch, Donncha O'Connell, Conor O'Mahony is Ciarán Ó hÓgartaigh a thaghadh mar bhuill Comhairle Stàite na h-Èireann.