Comhairle Inbhir Chluaidh a' call cothrom taice

  • Air fhoillseachadh
Gàidhlig

Tha Rùnaire an Fhoghlaim air innse nach do chuir Comhairle Inbhir Chluaidh a-steach airson taic-maoineachaidh mus do cho-dhùin iad seirbheis bus sgoilearan Gàidhlig a ghearradh - ged a tha taic ann bhon Riaghaltas airson a leithid.

Bhon t-samhradh seo tighinn feumaidh àrd-sgoilearan à Inbhir Chluaidh siubhal a Ghlaschu air còmhdhail phoblaich ma tha iad airson cumail orra le foghlam Gàidhlig.

Ged a tha taic-maoineachaidh airson an leithid ri fhaighinn bhon Riaghaltas, tha Radio nan Gàidheal air faighinn a-mach nach do rinn a' Chomhairle tagradh air a son.

Chan eil foghlam àrd-sgoile sa Ghàidhlig stèidhichte ann an Inbhir Chluaidh air fad, agus mar sin feumaidh dùsan sgoilear siubhal a dh'Àrd Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus foghlam sa chànan fhaighinn.

Chun a seo, chuir a' Chomhairle seirbheis bus air dòigh dhaibh, ach chaidh sin a ghearradh airson airgead a chaomhnadh.

Bha cothrom aig an ùghdarras ionadail tagradh a dhèanamh gu sgeama aig Riaghaltas na h-Alba airson an t-seirbheis a ghlèidheadh, ach cha do rinn iad sin - rud a chaidh a dhearbhadh le Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville.

Thuirt i nach do dh'iarr a' Chomhairle taic ged a thog seirbheisich chatharra a' chùis leotha.

Chuir an naidheachd fearg air cuid de phàrantan nach eil ag iarraidh an cuid chloinne a chur air bus poblach gach là.

Dh'iarr am BBC beachd bho Chomhairle Inbhir Chluaidh is cha d' fhuair sinn freagairt bhuapa fhathast.