
Chaidh iarraidh air Comhairle Inbhir Chluaidh foghlam àrd-sgoile Gàidhlig a chur air dòigh san sgìre.
Chan eil àrd-sgoil Ghàidhlig ann an sgìre Inbhir-Chluaidh idir.
Mar sin tha air a bhith aig clann-sgoile ri siubhal a Ghlaschu is air ais airson an cuid foghlaim fhaighinn, le taic bhon Chomhairle.
Tha dragh air a bhith ann ge-tà bho thàinig e am follais gun deach an taic-siubhail do sgoilearan Inbhir Chluaidh airson a dhol a Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a ghearradh.
Tha seo a' fàgail gum feum sgoilearan cho òg ri 11 còmhdhail phoblach a chleachdadh.
Iomairt airson foghlam àrd-sgoile
Tha bun-sgoil Ghàidhlig ann an Grianaig a' soirbheachadh agus a' fàs.
A-nis tha iarrtas ann airson fòghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Inbhir Chluaidh, seach nach fhaigh sgoilearan na sgìre a-nis còmhdhail gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus an sgoil fhèin a' stri ris an iarratas airson àite ann an foghlam Gàidhlig.
'S e Stiùbhart MacMhaolain Ball-pàrlamaid na sgìre aig Holyrood: "Nuair a chì thu an t-iarrtas a bharrachd a th' ann ann an Glaschu agus sgìrean eile, chanainn-sa gun robh còir aig Comhairle Inbhir Chluaidh sùil a thoirt air an t-suidheachadh aca-san.
"Gu follaiseach, bha iad a' cosg airgid air foghlam bun-sgoile ach tha mi den bheachd nach robh lèirsinn aca a thaobh foghlam àrd-sgoile."
Co-chomhairleachadh
Rinn Comhairle Inbhir Chluaidh co-choimhearlachadh air moladh ionad àrd-sgoile a stèidheachadh aig Acadamaidh Inbhir Chluaidh, ach bha pàrantan na sgìre gu làidir an aghaidh a' phlana.
Bhon uair sin tha a' chomhairle air a bhith ag obair còmhla ri pàrantan agus Bòrd na Gàidhlig airson fuasgladh a lorg.
Tha moladh ann gum faodadh sgìrean comhairle eile anns nach eil àrd-sgoil Ghàidhlig a bhith ag obair còmhla.
Thuirt Stiùbhart MacMhaolain BPA: "Bhiodh clann ann 's dòcha bho Shiorrachd Àir a Tuath agus Siorrachd Rinn Friù agus 's docha bho thaobh thall na h-aibhne.
"Cha shoirbhich le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gun an t-amas sin a bhith ann."
Chan eil Comhairle Inbhir-Chluaidh air dearbhadh fhathast cuin a bhiodh leithid a dh'ionad àrd-sgoile deiseil.
Thuirt Ciorstaidh NicArtair, tè-ealain à Grianaig, a fhuair a cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig am measg na tha ag iarraidh foghlam àrd-sgoile ann an Inbhir Chluaidh.
"Tha an t-uabhas de chloinn a-nis a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a-nis ann an Inbhir Chluaidh agus, mar a tha sinn a' faicinn ann an Glaschu, bidh tòrr nas motha ann.
"Nuair a tha an cothrom sin do chloinn agus do na teaghlaichean a bhith a' cur na cloinne aca gu foghlam Gàidhlig bidh na sgoiltean sin a' fàs agus a' fàs.
"Chan eil adhbhar sam bith ann do dh'Inbhir Chluaidh gun a bhith a' dèanamh sin cho luath sa ghabhas."