Cuirp Renee NicRath agus a mac Anndra fhathast gun an lorg

Renee NicRath agus a mac AnndraTùs an deilbh, TEAGHLACH RENEE NICRATH
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a tha a' feuchainn ri lorg fhaighinn air dust màthar à Inbhir Nis agus a mic a chaidh a mhurt bho chionn faisg air 50 bliadhna a' gealltainn gun cùm iad orra gus am faigh an càirdean "na freagairtean air a bheil iad airidh".

Bha obair sgrùdaidh a' dol às ùr anns na làithean mu dheireadh.

Chaidh Renee NicRath agus a mac Anndra a dhìth san t-Samhain 1976.

Chaidh Uilleam MacDhùghaill, leannan a' Bh-Ph NicRath agus athair Anndra, 3, a dhìteadh ann an 2022 airson murt a dhèanamh orra.

Bhàsaich e sa phrìosan còig mìosan an dèidh breith na cùirte gun innse dè rinn e le cuirp Renee agus Anndra.

Chleachd na poils agus eòlaichean airm drònaichean agus uidheamachd mapaidh san rannsachadh ùr fad 10 là air talamh faisg air a sheann dachaigh ann an Nairnside.

Chaidh coimhead ris a' chùis uair is uair thar nam bliadhnaichean, leis na poilis a' tilleadh gu Cuaraidh Dhail Mac Gearraidh ann an 2004.

Chaidh 35,000 tunna de thalamh agus 2,000 craobh a ghluasad thairis air trì seachdainean.

Tha an DS Brian Geddes ag ràdh gun lean iad orra a' coimhead airson dust an dithis ged nach d' fhuair an rannsachadh as ùire càil.

Thuirt e: "Tha an rannsachadh ùr ann an sgìre Nairnside a rinn sinn mar phàirt den iomairt lorg fhaighinn air cuirp Renee NicRath agus Anndra MacRath a-nis ullamh.

"Chan eil sinn am beachd an-dràsta rannsachadh eile a dhèanamh.

"Cumaidh sinn oirnn a' sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gum faigh an teaghlach na freagaitean air a bheil iad airidh," thuirt e.

Dh'iarr e air duine sam bith a tha a' creidsinn gum faodadh iad an cuideachadh thighinn a bhruidhinn ris na poilis.