Naidheachdan 11:00m
Cogadh Iorain
Gheall an Ceann-suidhe Trump gu bheil tòrr ri thighinn fhathast às dèidh dha na Stàitean Aonaichte ionnsaigh a thoirt air an drochaid as motha ann an Ioran. Tha na meadhanan stàite ag ràdh gun deach ochdnar a mharbhadh nuair a loisg plèanaichean Aimeireaganach air Drochaid B a h-Aon a tha a' ceangal Tehran ri baile Karaj air taobh siar na dùthcha.
Fìneadairean-ola
Loisg na h-Ioranianaich tuilleach urchairean air targaidean ann an Iosrael agus dùthchannan a' Ghulf tron oidhche. Bha fear de na fìneadairean ola as motha san Ear-Mheachanach - aig Mina al-Ahmadi ann an Kuwait - am measg nan goireasan cumhachd a chaidh a bhualadh le itealain dròna.
Cogadh na h-Ucràin
Tha oifigich ann an Kyiv ag ràdh gu bheil ionnsaighean gan toirt air an sgìre mu thimcheall air prìomh-bhaile na h-Ucràin le drònaichean agus urchairean Ruiseanach. Tha e air aithris gun deach co-dhiù aon duine a mharbhadh. Tha grunn Ucràinianaich às aonais dealain às dèidh do bhomaichean Ruiseanach tuilleadh millidh a dhèanamh air bun-structar cumhachd na dùthcha.
Stoirm Dave
Tha comhairle ga toirt do dhràibhearan dèanamh deiseil air thoiseach air Stoirm Dave, a bheir gailleann, uisge agus sneachda gu pàirtean de dh'Alba thairis air an deireadh-sheachdain. Tha Oifis na Sìde air grunn rabhaidhean buidhe a thoirt seachad 's iad ag ràdh gum bi daoine ann an cunnart bho sprùilleach a tha a' falbh leis a' ghaoithe. Tha Poileas Alba air iarraidh air feadhainn a tha a' dràibheadh làraidhean agus busaichean a bhith air leth faiceallach.
Ionnsaigh an Dùn Èideann
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' dèiligeadh ri ionnsaigh a chaidh a thoirt air fireannach ann an Dùn Èideann mar oidhirp mhuirt. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an duine, aois 38, le ceathrar fhireannach ann an sgìre Gàrraidhean Calder den bhaile goirid às dèidh 4.00f an-dè. Chaidh an duine a thoirt gu Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann airson cobhair. Thuirt oifigearan gu bheil an ceathrar a tha iad a' sireadh ann an co-cheangal ris an ionnsaigh uile geal agus eadar 20 agus 30 bliadhna de dh'aois.
Aiseag a' Chorrain
Tha bàta-aiseig a' Chorrain air ais ann an seirbheis airson deireadh sheachdain na Càisge. Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun do thill an MV Corran feasgar an-dè às dèidh obair-chàraidh agus deuchainnean mara. Tha dùil gum fàg am Maid of Glencoul, a th' air a bhith air an t-slighe fhad 's a bha am bàta àbhaisteach briste, airson obair-chàraidh bhliadhnail a dh'aithghearr.
Milleadh taighe
Thòisich rannsachadh sa Ghearasdan às dèidh mar a chaidh grunn uinneagan a bhriseadh ann an sgìre a' Chlaiginn den bhaile. Chaidh damaist a dhèanamh air trì taighean air Rathad Chàrn Dearg eadar 3.00m agus 4.00m sa mhadainn Disathairne 's a chaidh. Tha na poilis ag ràdh gur e fireannach ann an aodach dorcha a bhris na h-uinneagan agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith le dealbhan dash-cam neo camarathan-dorais fios a leigeil thuca.