Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dhà mhèirle an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Rinn Poileas Alba tagradh 'son fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh mèirle a dhèanamh aig dà thaigh ann an Inbhir Nis feasgar Diardaoin.
Thuirt iad gun d' fhuair iad fios aig 4:25f gun deach briseadh a-steach gu taigh air Drakies Avenue is gun deach suim airgid anns an robh trì figearan a ghoid.
Timcheall air 5:55f fhuair neach a-steach gu taigh air Swanston Avenue is chaidh falbh le seudraidh.
A thaobh an tachartais seo, thathar a' sireadh fireannach geal, caol, mu 5'9".
Bha briogais spòrs dhubh air, brogan dubha le bonn geal, is bha còmhdach aodainn air.
Thuirt na poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn is gu bheil "inntinn fhosgailte" aca a thaobh a bheil an dà thachartas ceangailte.
Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam no CCTV tighinn thuca.
Bu chòir fios a chur gu Poileas Alba air 101 is àireamh 2377 02/04 a thoirt seachad.