An cleasaiche Brian Cox a' cur taic ris an iomairt an aghaidh sealg a' ghuga

Brian CoxTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha an cleasaiche Albannach Brian Cox air a ghuth a chur ri film ùr a rinn luchd-strì a tha a' feuchainn ri cur às do shealg a' ghuga le muinntir Nis ann an Leòdhas.

'S e an ceum as ùire an iomairt na buidhne Protect the Wild an aghaidh an t-seann chleachdaidh.

Tha buidheann de dh'fhir à Nis air a bhith a' dol a-mach gu Sùlasgeir a h-uile samhradh airson na ceudan bhliadhnaichean a mharbhadh iseanan shùlairean.

'S e an aon sealg de dh'eòin-mhara a tha fhathast a' dol san Rìoghachd Aonaichte.

Tha na sealgairean ag ràdh gu bheil an traidisean mar phàirt den dualchas aca.

Dealbh cartùn às an fhilm is neachd gus guga a bhualadh le maideTùs an deilbh, Protect the Wild
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh às an fhilm a rinn Protect the Wild

Tha luchd-strì ag ràdh ge-tà, gur e borbachd gun adhbhar a tha ann agus nach eil feum air tuilleadh mar a bha uair airson biadh a chumail ri sluagh bochd.

Tha iad a' cur ìmpidh air NàdarAlba sguir de cheadachadh na seilge; an-uiridh thug a' bhuidheann riaghaltais cead 500 isean a spadadh.

'S e sin a' chiad turas a bha na Nisich air a dhol a Shùlaisgeir bho 2021.

Cha do dh'iarr iad cead a dhol ann ann an 2022, 2023 is 2024 air sgàth flu nan eun.

'S ann às dèidh dhaibh tilleadh gu Sùlaisgeir an-uiridh a thòisich iomairt às ùr feuch casg a chur air an t-seilg.

Tha luchd-strì air fianais a thogail taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba agus chaidh casaidean air dithis a shreap gu mullach prìomh-oifis NàdarAlba ann an Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh.

Chaidh ron sin graffiti mun chùis a pheantadh taobh a-muigh togalach NàdarAlba.

Dh'aontaich Buill-phàrlamaid Albannach ath-chuinge, taobh a-muigh an aghaidh na seilge le còrr is 100,000 ainm a chumail fosgailte, taobh a-muigh gus am beachdaich an ath-phàrlamaid air.

Aig deireadh an fhilm ùir, tha guth Brian Cox ag ràdh gur e "an-iochd gun adbhar" a tha san t-sealg is gum bu chòir do NàdarAlba cead a tharraing.

Thuirt Devon Dochterty, Manaidsear Iomairtean Albannach aig Protect the Wild, gu bheil iad gu math taingeil airson taic Mhgr Cox.

Thuirt i gu bheil "roghainn aig NàdarAlba".

"Mar bhuidheann nàdair an riaghaltais tha e mar dhleasdanas orra fiadh-bheatha a dhìon, chan e sgrios a cheadachadh."

Chaidh freagairt iarraidh bho NàdarAlba.