An t-Arm a' rannsachadh 'son cuirp Renee is Anndra MhicRath

- Air fhoillseachadh
Bheir sgioba shònraichte on Arm taic do na Poilis le sgrùdadh às ùr feuch lorg fhaighinn air cuirp Renee NicRath agus a mac Anndra.
Chaidh iad a dhìth faisg air Inbhir Nis bho san t-Samhain 1976, 's chaidh an leannan aice, Uilleam MacDhùghaill, a bha 81, a dhìteadh 'son am muirt ann am 2022.
Bhàsaich esan bhon uair sin gun innse riamh càite an robh iad air an tiodhlacadh.
Air an là a chaidh iad a dhìth, chaidh càr na Mn-P NicRath a lorg na theine aig camas-rathaid faisg air Cuaraidh Dhail Mac Gearraidh ri taobh an A9, ach cha robh sgeul oirre fhèin no a mac, Anndra, a bha trì.
Cha d' fhuair sgrùdaidhean a chaidh a dhèanamh anns a' chuaraidh fhèin agus san sgìre mun cuairt dad.
Uilleam MacDhùghaill ciontach de mhurt Renee NicRath
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2022
Cha toir Uilleam MacDhùghaill fianais seachad
- Air fhoillseachadh27 An t-Sultain 2022
Rannsachadh FAI mu bhàs Uilleim MhicDhùghaill
- Air fhoillseachadh18 An t-Samhain 2025
Thuirt labhraiche às leth Ministearachd an Dìon gun toireadh an t-Arm taic do Phoileas Alba agus Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir, an dèidh iarrtais airson eòlais speisealta.
Cha deach innse càite dìreach an tèid an sgrùdadh a dhèanamh.
"Tha an rannsachadh againn air murt Renee agus Anndra MhicRath a' leantainn agus tha oifigearan a' cumail orra a' sgrùdadh a h-uile loidhne rannsachaidh," thuirt an Det Sup Brian Geddes.
Chaidh coimhead ris a' chùis uair is uair thar nam bliadhnaichean, leis na Poilis a' tilleadh gu Cuaraidh Dhail Mac Gearraidh ann an 2004.
Chaidh 35,000 tunna de thalamh agus 2,000 craobh a ghluasad thairis air trì seachdainnean.

Thugadh binn beatha co-dhiù 30 bliadhna do MhacDhùghaill san t-Sultain 2022, 's e air fhaighinn ciontach an dèidh cùis aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis.
Chuala an diùraidh sa chùis-lagha ann an 2022 gun robh MacDhùghaill, a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis aig an àm, na rùnaire aig companaidh togail a bha leis an duine aig Renee, Gòrdan, bhon robh i dealaichte.
Chaill MacDùghaill a chuid obrach nuair a thàinig e am bàrr gun robh MacDhùghaill, a bha pòsta, agus Renee air a bhith a' suirghe.
Chuala a' chùirt gun robh a' Bh-Ph NicRath na màthair ghràdhaich, 's gun robh gaol mòr aice air MacDhùghaill.
Tha a mac as sine, Gòrdan, fhathast beò.
Bhàsaich MacDhùghaill aig Ospadal Rìoghail Shrath Fhoirthe 's e na phrìosanach aig Prìosan Ghleann Ochaill ann an Almhaigh sa Ghearran 2023.
Fhuair rannsachadh bàis air a' mhìos seo gur e aillse agus caitheamh alcolach a' ghrùthain a thug bàs dha.