
Tha fireannach a tha fo chasaid gun do mhuirt e Renee NicRath agus a mac Anndra air a' Ghàidhealtachd bho chionn faisg air 46 bliadhna air roghnachadh gun fianais a thoirt seachad airson a dhìon fhèin.
Tha Uilleam MacDhùghaill a' nochdadh anns an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis fo chasaid gun do mhuirt e Renee, 36, agus a mac, a bha trì, ann an 1976 agus gun d' fhuair e cuidhteas na cuirp.
Tha e fo chasaid gun do mharbh e iad an cois an A9 deas air Inbhir Nis no an àite eile.
Tha MacDhùghaill, 80, à Penrith ann an Cumbria, a' dol às àicheadh nan casaidean.
Thàinig argamaidean an luchd-casaid gu crìch Diluain às dèidh naoi là de dh'fhianais.
Tha a' chùis mu choinneimh a' Mhorair Armstrong a' leantainn.