Renee NicRath: Ìmpidh air murtair innse far a bheil na cuirp

  • Air fhoillseachadh
Uilleam MacDhùghaillTùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX

Chuireadh ìmpidh air an fhear a mhurt Renee NicRath agus am mac Anndra innse càite an do chur e na cuirp.

Chaidh Uilleam MacDhùghaill, 80, a dhìteadh san Àrd-Chùirt an Inbhir Nis Diardaoin airson am murt san t-Samhain 1976 agus chaidh binn beatha sa phrìosan a chur air.

Cha deach cuirp a' Bh-ph NicRath, 36, neo Anndra a lorg a-riamh.

Rinn piuthar a' Bh-ph NicRath, Mòrag Govans, tagradh às ùr gun innseadh MacDhùghaill càite a bheil na cuirp.

Thuirt Ms Govans, 84, gu bheil an teaghlach fhathast cràidhte a' smaoineachadh mun "fhìor eagal" a bhiodh a piuthar agus a mac òg air faireachdainn mus deach am murt.

Morag Govans
Fo-thiotal an deilbh,

Tha piuthar Renee NicRath, Mòrag Govans, a' cur ìmpidh air Uilleam MacDhùghaill innse far a bheil na cuirp

Thuirt i nach tuigeadh i a chaoidh carson a chaidh iad a mharbhadh "ann an dòigh cho olc".

Agus thuirt i cuideachd "ma tha bìdeag beag de dheusantachd ann an corp MhicDhùghaill, innsidh e a-nise càite a bheil iad a' laighe."

Dh' innis Ms Govans dha BBC Scotland: "Bha mi cho, cho toilichte gun d' fhuair sinn ceartas dha Renee agus Anndra.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòr airson an toraidh seo, agus cha robh mi a-riamh a' smaoineachadh gun tigeadh an là far am faigheadh sinn e. Chan urrainn dhomh cur ann am facail cho toilichte agus a tha mi."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Bha Tormod MacLeòid na Dhet. Conastabal òg nuair a thachair am murt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo