Ofgem gan dìon fhèin

OfgemTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann Ofgem air a bhith gan dìon fhèin às dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar càineadh làidir a dhèanamh orra.

Chuir comhairlichean taic an t-seachdain seo ri freagairt a chuir an t-ùghdarras ionadail gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu obair Ofgem.

Bha seo mar phàirt de cho-chomhairle a tha an Riaghaltas aig Westminster a' dèanamh, taobh a-muigh mun riaghladair.

'S e Roinn a' Chumhachd (DESNZ) a tha ga dhèanamh.

Ged a chaidh freagairt CnES a chur a-steach roimhe, rinn comhairlichean deasbad mu dheidhinn is iad a' cur taic mhòir ris na beachdan làidir a nochd ann.

A' bruidhinn ri Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich, thuirt Àrd-Oifigear a' Phlanaidh, Iain Coineagan, gu bheil Ofgem air a bhith na riaghladair airson 25 bliadhna agus gun robh a' bhuidheann "na nàmhaid mhòir" dhan Chomhairle thairis air a' mhòr-chuid den ùine sin.

Chuir e às an leth gun do chuir iad bacadh air planaichean airson càball dealain eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.

Ann am freagairt ri BBC Naidheachdan, thuirt Ofgem gu bheil iad air taic a chumail ris' a chàball is gu bheil iad a' cleachdadh a h-uile goireas a th' aca gus leasachadh a bhrosnachadh.

"Bha Càball nan Eilean Siar am measg 26 pròiseactan air an do bheachdaich sinn mar phàirt de phròiseas ASTI, a tha a' cur cabhag suas ri dà bhliadhna ann am maoineachadh phròiseactan, is an-uiridh thug sinn cead airson maoineachaidh airson obair-togail aig ìre thràth.

"Tha sinn a' cleachdadh gach goireas a th' againn gus siostam cumhachd na dùthcha a leasachadh is cur ri fàs eaconamach.

"Nuair a chaidh Ofgem a stèidheachadh bho chionn 25 bliadhna bha margaidh a' chumhachd is feumalachdan luchd-cleachdaidh gu math diofraichte seach mar a tha iad an-diugh.

"Tha sinn mar sin a' cur fàilte air ath-sgrùdadh DESNZ is tha sinn ag obair gu dlùth ris an Riaghaltas gus an t-seirbheis as fheàrr a th' ann a thoirt seachad do luchd-cleachdaidh," thuirt iad.