
Thathas air a bhith a' bruidhinn air càball ùr a chur fon Chuan Sgìth o chionn iomadh bliadhna.
Dhearbh an Griod Nàiseanta gu bheil càball 1.8GW fon Chuan Sgìth a dhìth airson targaidean cumhachd ath-nuadhachail na dùthcha a choileanadh ro 2030.
'S e ceum mòr air adhart a tha seo a dh'ionnsaigh feum a dhèanamh de na cothroman cumhachd a tha anns na h-Eileanan Siar.
Chan eil an ceangal a th' ann faisg air a bhith mòr gu leòr airson cumhachd ath-nuadhachail bho thuathanasan-gaoithe sna h-Eileanan a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.
Bhiodh ceangal 1.8GW mòr gu leòr airson dealan bhon a h-uile tuath-gaoithe sna h-Eileanan agus far chladaichean nan Eilean a ghiùlain, a thuilleadh air rùm a bharrachd airson leasachaidhean eile san àm ri teachd.
Buannachdan eaconomach
Rachadh seo an àite a' mholaidh a chuir SSEN a-steach roimhe airson ceangal 600MW a chur eadar na h-Eileanan is tìr-mòr.
Thuirt an Griod Nàiseanta gum biodh buannachdan eaconomach an lùib cheangail den mheud seo, a thuilleadh air a bhith a' lùghdachadh na buaidhe air an àrainneachd.
Bhiodh e cuideachd na bu shaoire, thuirt iad, do thuathan-gaoithe ùra ceangal ris, agus dhèanadh e siostam dealain nan Eilean Siar nas seasmhaiche.
Thàinig an naidheachd air an aon là 's a chaidh taic-airgid a thoirt do thuath-gaoithe mhòr ùr faisg air Steòrnabhagh ann an rùp an Riaghaltais.
Bhiodh 36 crainn-ghaoithe an lùib an leasachaidh, aig Lewis Windpower, an iar air Steòrnabhagh.