MV Corran air ais ann an seirbheis

An MV Corran
  • Air fhoillseachadh

Tha an MV Corran air tilleadh gu seirbheis ann an àm airson deireadh-seachdain na Càisge.

Bha prìomh bhàta Aiseag a' Chorrain air briseadh sìos air an 12na den Mhàrt dìreach là às dèidh dhi tilleadh is i air a bhith san doc 'son seirbheis bhliadhnail.

Thàinig einnseanairean sònraichte bhon chompanaidh Voith gus obair-chàraidh a dhèanamh oirre ach chaidh maill air cùisean is feum air pàirtean ùra.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise air dearbhadh gun deach obair-chàraidh is deuchainnean mara a dhèanamh is gu bheil an Corran air ais ann an seirbheis.

Thuirt iad gum bi i ag obair a rèir a' chlàir-ama àbhaistich aice seachd là san t-seachdain.

Thuirt a' chomhairle cuideachd gu bheil dùil gum bi an t-seirbheis gu math trang anns na làithean ri thighinn is gum bu chòir do luchd-siubhail ùine gu leòr fhàgail aca fhèin.

Dh'innis iad gum bi luchd-obrach ann airson trafaig a stiùireadh.

'S e an dàrna aiseag air an t-slighe, an MV Maid of Glencoul, a bha ann an seirbheis nuair a bha an Corran briste.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum falbh am Maid of Glencoul airson seirbheis bhliadhnail a dh'aithghearr.