MV Corran briste là an dèidh dhi tilleadh o chàradh bhliadhnail

- Air fhoillseachadh
Tha am bàt-aiseig an MV Corran, a bhios a' seòladh thar Chaolas a' Chorrain ann an Loch Abar, air briseadh sìos nas lugha na là an dèidh dhi tilleadh o a h-obair-càraidh bhliadhnail.
Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na seirbheis, ag ràdh gu bheil trioblaid theicnigeach air èirigh 's gun robh aca ris a' bhàta a thoirt a-mach à seirbheis.
Tha iad ag ràdh gu bheil dùil ri einnseanairean sònraichte aig an làraich ro Dhiardaoin an 19mh den Mhàrt aig a' char as fhaide.
Thug an obair bhliadhnail air an MV Corran na b' fhaide na bhathas an dùil, leis an MV Maid of Glencoul a' seòladh na h-àite.
Dh'èirich trioblaidean teicnigeach leis a' Mhaid of Glencoul fhèin fhad 's a bha an MV Corran air falbh, ged a tha i a-nise air a càradh.
MV Corran ga càradh
- Air fhoillseachadh27 An Dàmhair 2025
An 'Old Maid' air ais ann an seirbheis
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2025
Mì-thoileachas an Àird Ghobhair 's Aiseag a' Chorrain dheth a-rithist
- Air fhoillseachadh6 An Lùnastal 2025
'S i am Maid of Glencoul a bhios air an t-slighe fhad 's a tha obair a' dol air a' phrìomh bhàta.
Thabhainn Comhairle na Gàidhealtachd leisgeul air luchd-cleachdaidh na seirbheis.
Tha an t-aiseag cudromach do dhaoine a tha a' fuireach ann an Àird Ghobhar, sa Mhorbhairne agus Àird nam Murchan airson faighinn a-null air a' chaolas - turas còig mionaidean, seach turas fada air an rathad timcheall Loch Iall.
Chaidh fhoillseachadh Diciadain gun do thòisich obair luach £58m airson bun-structar ùr a thogail air tìr aig gach ceann an aiseig agus dùil ri soitheach ùr dealain air an t-slighe.
Chaidh airgead a chur a dh'ionnsaigh sin agus gearanan air a bhith ann mu cho tric 's a tha an MV Corran agus an MV Maid of Glencoul air a bhith briste sna bliadhnaichean mu dheireadh, 's a' choimhearsnachd air am fàgail às aonais aiseig grunn thursan airson ùine.