Binn prìosain 9 bliadhna 'son ionnsaighean feiseil eachdraidheil

Soidhne taobh a-muigh na h-Àrd Chùirte ann an Dùn ÈideannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach air a' Ghàidhealtachd a chur dhan phrìosan airson 9 bliadhna às dèidh ionnsaighean feiseil eachdraidheil.

Bha Kenneth Polus a tha 75 bliadhna de dh'aois a' toirt ionnsaighean air cloinn ann an Inbhir Nis agus ann am bailtean eile air a' Ghàidhealtachd.

Thachair na h-ionnsaighean eadar 1980 agus 1996.

Bha Polus, a bha roimhe a' fuireach ann an Gàrraidhean Bruce ann an Inbhir Nis, air a dhol às àicheadh sreath de chasaidean.

Ach chaidh fhaighinn cionntach gun tug e ionnsaigh air trìuir nigheanan a bha cho òg ri còig agus sia bliadhna de dh'aois.

Aig an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann, thuirt am britheamh Michael O Grady KC, gun robh Polus air droch-dhìol a dhèanamh air cloinn so-leònte thairis air 16 bliadhna.

Thuirt e gun robh e an dòchas gun toireadh breith na cùirte tomhas de shlànachadh dhaibhsan a dh'fhuiling.