Adhartas aig Taigh a' Chridhe Uile Naomh

Taigh a' Chridhe Uile Naomh
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim gun deach piseach a thoirt mar a dh'iarr iad roimhe air seirbheisean aig Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Uibhist.

Chaidh piseach a thoirt air sunnd an luchd-còmhnaidh is luchd-sgrùdaidh ag ràdh gun robh e follaiseach gun deach ùine nach beag a chosg airson gnothaichean a leasachadh.

Tha feum fhathast ge-tà, air barrachd trèanaidh do luchd-obrach.

Bha luchd-sgrùdaidh air tadhal air an dachaigh-cùraim ann an Dalabrog bho thùs san t-Sultain an-uiridh.

Thuirt iad aig an àm sin gun robh an luchd-obrach "math" agus gun robh suidheachadh na dachaigh-cùraim "glè mhath".

Dh'iarr iad piseach fhaicinn ge-tà, a thaobh sunnd an luchd-còmhnaidh is seo air a mheas "math gu leòr".

Thog iad cuideachd air mar a bha gainnead luchd-obrach a' toirt buaidh air an dachaigh, agus dh'iarr iad gum faigheadh an luchd-obrach gu lèir trèanadh riatanach.

Thill luchd-sgrùdaidh chun na dachaigh sa Ghearran am-bliadhna 'son faicinn an deach adhartas a dhèanamh.

San aithisg ùir aca, tha iad ag ràdh gun robh barrachd chothroman aig luchd-còmhnaidh beatha beòthail a bhith aca agus a bhith a' gabhail pàirt ann an cur-seachadan a bha air an cur air dòigh.

Bha e follaiseach, thuirt iad, gun deach ùine a chosg air tachartasan a chòrdadh ris an luchd-còmhnaidh, is gun deach bruidhinn ris an luchd-còmhnaidh fhèin is an teaghlaichean.

Fhuaireadh cuideachd gun robh planaichean cùraim stèidhichte air feumalachdan luchd-còmhnaidh is le targaidean soilleir nan cois.

Tha mar sin taic do shlàinte is sunnd an luchd-còmhnaidh a-nise ga mheas "math" seach "math gu leòr".

Chaidh togail ge-tà, a dh'aindeoin grunn shanasan, nach robh e comasach co-òrdanaiche fhastadh airson luchd-obrach a chuideachadh le tachartasan làitheil do luchd-còmhnaidh.

Dh'innis an luchd-sgrùdaidh cuideachd gu bheil luchd-obrach air barrachd trèanaidh a dhèanamh bhon a bha a' chiad sgrùdadh ann, ach gum feum cuid fhathast trèanadh a dhèanamh a thaobh dementia, uallach is suidheachaidhean doirbh.

Tha iad ag ràdh mar sin gu bheil feum air barrachd trèanaidh do luchd-obrach fhathast.

"'S e aithisg gu math togarrach a tha seo a tha ag aithneachadh mar a chaidh piseach a thoirt air cùisean bhon sgrùdadh mu dheireadh," thuirt Àrd-Oifigear Eadar-amail na Slàinte 's a' Chùraim Shòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Emma NicSuain.

"Bidh sinn a' leantainn oirnn ag obair gu dlùth leis an luchd-còmhnaidh agus an teaghlaichean gus togail air na leasachaidhean a rinneadh gu seo".