Casg sia miòsan sa bhliadhna air teintean sa Mhonadh Ruadh ga mholadh

Am Monadh RuadhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha conaltradh poblach air fo-lagh ùr fom biodh e toirmisgte teintean a chur am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh eadar an Giblean agus an t-Sultain a' tighinn gu ceann Diluain.

Dh'aontaich bòrd Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta ri briathrachas an lagha ùir nuair a choinnich iad san t-Sultain, agus tha iad air a bhith a' sireadh bheachdan air an sin.

Fo na riaghailtean ùra chan fhaodadh daoine teine a chur thuige gun chead no rud sam bith a lasadh a dh'fhaodadh teine adhbharachadh ach taobh a-staigh làraich phrìobhaidich, aig taigh neo aig làrach-charabhanaichean oifigeil.

Bhiodh cead aig daoine teine a chur ann am bothain.

Bhiodh an casg an sàs bho thoiseach a' Ghiblein gu deireadh na Sultaine a h-uile bliadhna.

Tha seo a' tighinn agus draghan ann mu na cunnartan an cois theintean monaidh a bhios daoine a' tòiseachadh no a tha a' tachairt gu nàdarra.

Teine monaidh sa Mhonadh RuaidhTùs an deilbh, JASPERIMAGE
Fo-thiotal an deilbh,

Teine sa choille beagan deas air Loch Mòrlaich san Ògmhios 2021

Chaidh co-chomhairle phoblach a mhair 10 seachdainean a chumail na bu tràithe am-bliadhna.

Fhuair Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh 1,664 freagairtean bho luchd-còmhnaidh, luchd-gnothachais, manaidsearan fearainn agus luchd-tadhail agus thuirt 79% dhiubh gun robh iad airson casg a bhith ann.

Thèid iarraidh air buill Ùghdarras na Pàirce san Fhaoilleach aontachadh ri briathrachas an lagha ùir a dh'fheumas a dhol gu Riaghaltas na h-Alba airson ceadachaidh.

Tha dùil gur ann bhon Ògmhios an ath-bhliadhna aig a' char as tràithe a bhios am fo-lagh ùr air a chur an gnìomh.

'S e am Monadh Ruadh a' Phàirc Nàisteanta as motha sa Rìoghachd Aonaichte agus tha pàirtean den Ghàidhealtachd, Siorrachd Obar Dheathain, Machair Aonghais, Siorrachd Pheairt agus Moireibh uile taobh a-staigh a crìochan.