Beachdan air teintean sa Mhonadh Ruadh

Teine-campachaidh
  • Air fhoillseachadh

Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag iarraidh air daoine na beachdan aca a thoirt seachad air am bu chòir fo-lagh a bhith ann a thaobh teintean anns a' phàirce.

Dh'fhaodadh gun rachadh casg a chur air teintean-campachaidh agus BBQs leis gu bheil an t-Ùghdarras a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teitean-monaidh.

Tha 3 roghainnean air beulabh dhaoine:

  1. Gun sìon a dhèanamh ach a bhith ag oideachadh dhaoine a thaobh nan cunnartan an lùib teintean

  2. Fo-lagh a chruthachadh a chuireadh casg air teintean-campachaidh aig amannan nuair a tha cunnart mòr ann bho theintean, ach nach toireadh seo buaidh air daoine le taighean le gàraidhean aca fhèin sa phàirce.

  3. Gum biodh fo-lagh ann fad na bliadhna, agus a-rithist nach toireadh seo buaidh air daoine le taighean le gàraidhean aca fhèin sa phàirce.

Chaidh còrr is 1,000 beachd a thoirt seachad bhon a thòisich an co-chonaltradh sa Ghearran 's bidh e a' dùnadh Diciadain.