Thòisich casg ràitheil air teintean am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Rinn teine monaidh air Mòinteach an Damhath milleadh mòr as t-samhradh 2025
- Air fhoillseachadh
Tha casg fad sia mìosan air teintean campachaidh air a' bhlàr a-muigh am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ga chur an sàs Diciadain mar oidhirp lùghdachadh a thoirt air teintean monaidh millteach.
Fo na riaghailtean ùra chan fhaod daoine teine neo bbq a chur thuige gun chead no rud sam bith a lasadh a dh'fhaodadh teine adhbharachadh ach taobh a-staigh làraich phrìobhaidich, aig taigh neo aig làrach-charabhanaichean oifigeil.
Bidh an casg ann gu deireadh na Sultaine a h-uile bliadhna.
Rinn teine monaidh cho mòr 's a bha a-riamh an Alba milleadh mòr sa phàirc nàiseanta aig deireadh an Ògmhios an-uiridh.
Bha an teine air Mòinteach an Damhath a' dol airson ceithir là agus sgap e thairis air 10,000 hectair de dh'fhearann.
Casg sia miòsan sa bhliadhna air teintean sa Mhonadh Ruadh ga mholadh
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2024
Ro-innleachd airson dèiligeadh ri teintean monaidh ga moladh
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal 2025
'S e Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a dh'iarr gum bi casg ràitheil air teintean agus dragh orra gu bheil atharrachadh na gnàth-shìde a' fàgail gun sgap teintean nas luaithe.
Tha an t-àrd-oifigear, Grant Moir, a' gabhail ris nach cuir am fo-lagh ùr stad buileach air teintean ach gu bheil iad airson "an àrainneachd iongantach a dhìon".
"Tha samhraidhean nas fhaide agus nas tiorma againn le blàthachadh na cruinne agus tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na rudan ceart againn an sàs agus tha am fo-lagh mar phàirt dheth sin," thuirt e.
Tha iad air a bhith ag obair còmhla ri Poileas Alba agus Seirbheis Smàlaidh na h-Alba airson dèanamh cinnteach gun tèid gabhail ris a' chasg.
Dh'fhaodadh càin suas ri £500 a dhol air daoine a bhriseas na riaghailtean.
Thòisich an t-ùghdarras air fiosrachadh a sgaoileadh air na meadhanan-sòisealta agus le bileagan agus soidhnichean.
Bidh timcheall air 2,000,000 duine a' tighinn dhan Mhonadh Ruadh a h-uile bliadhna.
Tha a' Phàirc Nàiseanta ag ràdh gu bheil iad airson 's gum faigh iad tlachd às fhathast ach gum feum a h-uile duine an cuid fhèin a dhèanamh airson am fearann a dhìon.
Tha na riaghailtean ùra an cois a' chaisg ràitheil gam mìneachadh an seo, taobh a-muigh.