Pàirc-chluiche ann am Port Rìgh an làmhan na coimhearsnachd

Sanas air geata aig Pàirc an Rìgh Seòras V am Port Rìgh a' sireadh taic a' phobaill gus am fearann a cheannach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an ceann-là airson maoineachadh poblach fhaighinn airson a' phàirc a cheannach a' tighinn gu math dlùth

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe san Eilean Sgitheanach gun deach aca air faighinn seachad air na dùbhlain laghail is maoineachaidh airson Pàirc an Rìgh Seòras V a cheannach agus a chur fo shealbh a' phobaill.

Bha dìreach gu deireadh a' Mhàirt aca gus a h-uile càil a reiteach.

Chaidh an £35,000 a chosg an talamh a thogail leis a' choimhearsnachd agus le maoineachadh bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Tha cuideachd iomairt ann far am faigh companaidhean agus buidhnean ionadail a thug seachad taic ionmhais sanasachd fad bliadhna air feansaichean na pàirce.

Thug cathraiche an urrais, Donnie MacNeacail, taing don fheadhainn a chuidich iad, gu h-àraid sgioba ball-cois Phort Rìgh Fo aois 15 a thog faisg air £4,000 le bhith a' dol timcheall cheann a tuath an eilein air na baidhseagalan aca.

"'S e leasachadh mòr a th' ann airson a h-uile duine a bha an sàs ann, agus 's e a' chiad cheum cudromach sna planaichean againn Ceàrnag na Camanachd a leasachadh don choimhearnsachd," thuirt e.

Bha an làrach air tè de 471 pàircean-cluiche coimhearsnachd air an deach an t-ainm sin a thoirt an dèidh bàs an Rìgh ann an 1936.

Bha e uair mar phàirt de dh'oighreachd Chlann Dòmhnaill agus bha e mar phàirt de na 23,000 acair a reic iad ri Fearann Eilean Iarmain sna 1970an.

Dh'fhàg cho aosta 's a bha cuid de na pàipearan seilbh am pròiseas laghail na bu thoinnte agus dh'fheumte sin a rèiteach ron 31mh den Mhàrt 2026, an ceann-là airson maoineachadh Stòras Fearainn na h-Alba fhaighinn.

Fhuair iad taic bho Fhearann Eilean Iarmain airson sin a dhèanamh.

Thuirt Lucilla Noble às leth na h-oighreachd sin gun robh i an dòchas gun toireadh an làrach "buannachd mhòr don choimhearsnachd am Port Rìgh agus gu bheil i a' guidhe gach soirbheachas don urras le an cuid phlanaichean".

Tha an t-urras cuideachd ag amas air an ionad coimhearsnachd a cheannach mar phàirt den phlana mhòr aca Ceàrnag na Camanachd a dhèanamh na ghoireas a chùm maith na coimhearsnachd agus chompanaidhean ionadail.