Dòchas gum bi Pàirc an Rìgh Seòras V aig "cridhe na coimhearsnachd"

Geataichean Pàirc an Rìgh Seòras V
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid Pàirc an Rìgh Seòras V am Port Rìgh a cheannach leis a' choimhearsnachd is iad a-nise air an t-airgead air fad a dh'fheumas iad a chruinneachadh.

'S iad Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh is a' Bhràighe a tha air cul a' ghnothaich is iad air £35,000 a thogail.

'S ann le Fearann Eilean Iarmain a tha an t-àite an-dràsta.

A thuilleadh air pàirc spòrs, tha cuideachd pàirc cluiche do chloinn ann.

Tha an t-urras ag ràdh gu bheil cothroman mòra ann na goireasan a leasachadh agus feum nas fheàrr a dhèanamh den phàirc.

Ailig MacLeòid

"Cha deach coimhead às dèidh na pàirce mar a bha còir," dh'innis oifigear pròiseict Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh is a' Bhràighe, Ailig MacLeòid.

"Tha e aig cridhe na coimhearsnachd a thaobh far a bheil e is mar a ghabhadh a chur gu feum.

"Tha an fhèill àiteachais an seo a h-uile bliadhna ach tha cothrom ann tòrr a bharrachd a dhèanamh airson na coimhearsnachd agus ann an dòigh a tha seasmhach.

"Tha sinn airson is gum bi e air a ghlèidheadh mar a bu chòir is gum bi e gu buannachd na coimhearsnachd".

Thug oifigear ionmhais an urrais, Iona NicDhòmhnaill, taing dhan choimhearsnachd airson gach taic a thaobh am fearann a cheannach is i ag ràdh gun deach an t-airgead a thogail nas luaithe na bha dùil.

Pàirc an Rìgh Seòras V

Tha tòrr bheachdan air tighinn thuca cuideachd, thuirt i, a thaobh na bu chòir dèanamh leis a' phàirc.

Nam measg tha sgrìob-ruith, no running track, a chur timcheall air is cothrom ann iomadh spòrs a chluich.

Ach tha Iona ag ràdh gur e an rud as bunaitiche gum bi e ann an làmhan nan daoine.

"Dhomhsa tha e uabhasach cudromach gum faigh a' choimhearsnachd cothrom a bhith a' dèanamh co-dhùnadh air na bhios a' tachairt aig an àite seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh a bhith pròiseil gu bheil seo aca is a-nise - tha sinn an dòchas - gum bi cothrom aca co-dhùnadh a dhèanamh air na thig às.

Iona NicDhòmhnaill

Ged is e ceum mòr a tha seo dhan urras, tha iad mar-thà a' cur romhpa fhèin barrachd a dhèanamh.

Tha plana leasachaidh ann gus tuilleadh den fhearann timcheall air a' phàirc a cheannach anns na beagan bhliadhnaichean ri tighinn.

Am measg nam planaichean sin, tha smachd fhaighinn am measg eile air làrach far an robh amar-snàimh uaireigin, is làrach bheag spòrs eile.

Anns a' chiad dol a-mach ge-tà, 's ann a tha aire na buidhne air Pàirc an Rìgh Seòras V fhèin.

"Bha mi a' smaoineachadh 's dòcha gum biodh seòrsa de dh'fhaochadh oirnn," thuirt Iona NicDhòmhnaill.

"Ach tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gu bheil an obair dìreach a' tòiseachadh."

Pàirc an Rìgh Seòras V