Deireadh Fèill an Earraich aig margaidh Loch Baghasdail

- Air fhoillseachadh
Cha bhi fèill reic stuic ann an Loch Baghasadal air a' mhìos seo mar a bha dùil.
Tha a' chompanaidh a bhios ga ruith, United Auctions, air a cur dheth agus an àireamh bheathaichean a bhiodh gan reic aice air tuiteam 's gun an luchd-ceannaich a bhiodh a dhìth a' tighinn ann, thuirt iad.
An aite sin, togaidh a' chompanaidh beathaichean à Loch Baghasdail airson an toirt gu margaidh.
Gheall a' chompanaidh nach tèid gin de na fèilltean eile a tha gus a bhith ann eadar seo is deireadh na bliadhna a chur dheth, agus stoc gu leòr annta sin.
"Chaidh an co-dhùnadh doirbh a dhèanamh am-bliadhna cur às don fhèill reic sa Ghiblean aig Margaidh Loch Baghasdail agus e a' sìor fhàs nas duilghe luchd-ceannaich a thàladh a-nall airson cho beag bheathaichean," thuirt United Auctions ann am brath.
"A' dol air adhart bidh sinn a' togail stuic à Margaidh Loch Baghasdail Dihaoine 1d là den Chèitean aig 08:30m airson falbh gu Hunndaidh agus Sruighlea airson na fèille seo a-mhàin.
"Bu mhath leinn a dhèanamh soilleir gur e seo an aon fhèill dhan tachair seo.
"Cumaidh sinn oirnn ag obrachadh còmhla ris an luchd-ceannaich againn ann an Uibhist aig na fèilltean againn san Fhaoilleach, san Lùnastal, san t-Sultain agus san t-Samhain."
Geamhrachadh
Cha robh an naidheachd na iongnadh, a rèir Dhòmhnaill Mhoireasdain, a bha ag obair aig United Auctions fad iomadh bliadhna.
"O chionn deannan bhliadhnaichean ann an seo, Fèill an Earraich ann an Loch Baghasdail, bha àireamh an stuic a' tuiteam fad an t-siubhail.
"Bha a' chuid mhòr a' creic anns an Fhaoilleach, feadhainn eile a' creic aig deireadh na bliadhna airson 's nach fheumadh iad geamhrachadh an stuic.
"Aig an fhèill an-uiridh cha robh ann ach mun cuairt air 40 beathach cruidh uile gu lèir. Chan e àireamh mhòr a tha sin."
Fèill sprèidh ga cur dheth
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2017
Toileachas aig Fèill Loch nam Madadh
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2014
Mhìnich Mgr Moireasdan gur e a' chosgais a tha an lùib tighinn gu fèill as coireach nach fhiach e do dhaoine airson àireamh cho beag bheathaichean.
Thuirt e gu bheil e a-niste a' cosg còrr is £60 an ceann beathaichean a thoirt air falbh o na fèilltean gu tìr-mòr, agus airson cosgaisean a chumail sìos 's iad carbadan mòra a bheir daoine leotha a ghabhas suas ri 70 beathach cruidh.
"Feumaidh mi a ràdh gun do thachair seo an Tiriodh cuideachd o chionn dà bhliadhna. Cha robh stoc gu leòr ann," thuirt Mgr Moireasdan.
"Ach chuidich iad daoine airson an toirt a-mach gu ruige tìr-mòr, a' mhòr-chuid dhiubh dhan Òban.
"Ach mar a tha leithid Uibhist, 's ann a-mach o cheann a tuath Uibhist a bhios an stoc a' falbh, agus tha cothrom aig na daoine an cur gu ruige Hunndaidh no an cur gu ruige Sruighlea, agus cuidichidh United Auctions na daoine airson an stoc fhaighinn air falbh."