Bàta-teasairginn ùr Phort Rìgh air a dachaigh ùr a ruighinn

Bàta-teasairginn Phort Rìgh, Peter and MaryTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,

Am Peter and Mary a' fàgail Poole ann an Dorset a' dèanamh air an Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fàilte a chur air bàta-teasairginn ùr Phort Rìgh air an deireadh-sheachdain an dèidh dhi an turas a dhèanamh dhan Eilean Sgitheanach à Poole ann an Dorset.

Tha an soitheach clas Shannon, air a bheil Peter and Mary, a' gabhail àite soitheach class Trent, an Stanley Watson Barker, a th' air a bhith aig Stèisean an RNLI am Port Rìgh airson 30 bliadhna.

Dh'fhalbh i à Dorset Dimàirt a chaidh a' dèanamh air a ceann-ùidhe air taobh siar na Rìoghachd Aonaichte agus a' stad aig diofar stèiseanan RNLI air an t-slighe.

Ràinig i Port Rìgh aig 1:59f feasgar Disathairne a rèir nan àireamhan air a slige,13-59.

Bha sluagh air cruinneachadh air a' chidhe airson fàilte a chur air Peter and Mary.

Bha stiùireadair RNLI Phort Rìgh, Stiùbhart MacNeacail, air bòrd innte à Sasainn.

Thuirt e: "Bu mhath leam an toiseach taing mhòr a thoirt don chriubha shaor-thoileach againn a rinn uairean mòra de thrèanadh chruaidh - an dà chuid aig Ionad Bàta-teasairginn Uile-Shìde ann am Poole agus aig an taigh am Port Rìgh - a' dèanamh deiseil airson a' bhàta ùir.

"Tha an criutha a rinn an trèanadh ag ràdh gur e bàta a fìor mhath san uisge a th' innte."

Fàilte ga cur air a' Pheter and Mary ann am Port Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

Chruinnich sluagh air a' chidhe airson am bàta ùr fhàileachadh gu Port Rìgh

Ged a tha i nas lugha na am bàta clas Trent, an Stanley Watson Barker, a thàinig a Phort Rìgh ann an 1996, tha i a cheart cho luath.

'S e steallan uisge a bhios ga cur air adhart seach proipeilearan agus ruigidh i 25 mìle mara san uair.

Tha dùil gum faigh Baile nam Frisealach agus Inbhir Ùige soithichean ùra am-bliadhna, agus gum bi Barraigh agus Bucaidh am measg nan stèiseanan RNLI a gheibh soithichean ùra ann an 2027.