Stiùirichean ùra aig Stòras Uibhist

Uibhist a DeasTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ceathrar stiùirichean ùra a chur air bòrd Sealladh na Beinne Mòire air thoiseach air EGM na buidhne aig deireadh na mìos.

Tha an ceathrar cuideachd a' dol air bòrd tè de na fo-chompanaidhean, South Uist Estates (SUE), ann an oidhirp tuath-gaoithe an uachdarain choimhearsnachd a chur gu dol às ùr.

Dh'innis brath air làrach-lìn Stòras Uibhist gun dèach an ceum seo a ghabhail air sgàth "dhùbhlan" a thaobh an tuath-gaoithe, a tha an-dràsta na thàmh is gun àrachas.

Tha an ceathrar stiùirichean ùra am measg sianar a chaidh a chur air adhart roimhe 'son a dhol air bòrd eadar-amail de Shealladh na Beinne Mòire às dèidh an EGM a bhios ann air an 30mh den mhìos.

Chaidh an EGM sin a ghairm is connspaid is buaireadh air a bhith a' cuairteachadh na buidhne fad mhìosan.

Am measg nan stiùirichean ùra tha an triùir chomhairlichean ionadail: Iain M MacLeòid, Susan NicThòmais is Pòl Steele, còmhla ri Malcolm Burr, a bha gu bho chionn ghoirid na àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean Siar.

Aig an dearbh àm, tha Raghnall MacCoinnich, John Daniel Peteranna is Catriona Walker air aontachadh bòrd SUE fhàgail.

Tha iad fhathast air bòrd Sealladh na Beinne Mòire fhèin, ged a tha iad air aontachadh seasamh sìos aig an EGM.

Dh'innis am brath ùr air làrach-lìn Stòras Uibhist gu bheil na gluasadan a thaobh bòrd SUE a' ciallachadh gu bheil "na ceumannan a bha a dhìth bho luchd-àrachais is partaidhean eile a-nise air an coileanadh, a bu chòir leigeil le gnothaichean gluasad air adhart is gun tòisich na crainn a bhith ag obair às ùr anns an aithghearrachd".

Thuirt am brath gun deach an ceathrar stiùirichean ùra a thoirt a-steach tràth gus SUE a stiùireadh tron àm seo agus agus gus dìon a chur air suidheachadh ionmhais na coimhearsnachd.

A thuilleadh air sin, chaidh a ràdh gu bheil na gluasadan seo a' sealltainn mar a tha bòrd Sealladh na Beinne Mòire a' faicinn gu bheil feum air atharrachadh, is gun do dh'aontaich iad cuideachd ceumannan gus taic a chumail ris an luchd-obrach san ùine ghoirid.

Bidh EGM Sealladh na Beinne Mòire ann Diardaoin 30mh den Ghiblean ann an Talla a Chinn Deas.

Thèid gluasad air beulaibh an EGM ag ràdh gu bheil feum air "tòiseachadh às ùr" le crathadh bunaiteach a thoirt air Stòras Uibhist, an dà chuid a thaobh structar is cultar na buidhne.

Mar phàirt den ghluasad, sheasadh gach stiùiriche sìos is rachadh bòrd eadar-amail nan àite gus gnothaichean a stiùireadh gus am biodh AGM ann.

A thuilleadh air a' cheathrar a tha a-nise air a dhol air a' bhòrd mar-thà, bhiodh cuideachd Rona NicAoidh is Ailean Dòmhnallach air a' bhòrd eadar-amail.

Sa bhrath ùr, chaidh iarraidh air ballrachd na companaidh a dhol an sàs ann am pròiseas an EGM.