Naidheachdan 11:00m

Am Morar Mandelson

Thèid am Prìomhaire a cheasnachadh ann an Taigh nan Cumantan feasgar mun sgrùdadh thèarainteachd a rinneadh air a' Mhorar Mandelson mus deach esan a chur ann an dreuchd leis mar thosgaire dha Washington. Bheir Sir Keir Starmer fiosrachadh a bharrachd mun phròiseas dha buill agus e a' nochdadh anns a' Phàrlamaid. Thuirt e roimhe nach deach innse dha gun robh am Morar Mandelson air an sgrùdadh thèarainteachd sin fhàiligeadh. Tha am Prìomhaire fo chasaid a' Phàrlamaid a mhealladh - ach tha na Làbaraich air a dhol às àicheadh sin.

Cogadh Iran

Tha Ceann-suidhe Iran air moladh gum biodh gach slighe dhioplòmasach reusanta air a gabhail an oidhirp rèite fhaighinn dhan chòmhstrì aca leis na Stàitean Aonaichte. Chan eil e follaiseach fhathast an tèid Iran gu Pagastan airson chòmhraidhean ùra leis na Stàitean Aonaichte. Tha am fosadh eadar an dà thaobh le còir thighinn gu ceann Diciadain. Thuirt Feachdan Armaichte Iran gum biodh freagairt acasan ri mar a chaidh bàta-bathair a bha a' feuchainn ri faighinn seachad air bloicèid nan Stàitean Aonaichte a stad aig muir agus a thoirt fo smachd leis na h-Aimeireaganaich.

Teampall Iùdhach

Thuirt na Poilis ann an Lunnainn gun deach dithis dheugairean a chur an grèim leotha ann an co-cheangal ri mar a chaidh teine a chur ri teampall Iùdhach oidhche Shathairne. Chaidh botal de stuth a chaidh na theine a shadal tro uinneig aig an t-sionagog anns an iar-thuath den bhaile.

Tsunami

Tha rabhadh ro tsunami air a sgaoileadh leis na h-ùghdarrasan ann an Iapan, às dèidh crith-thalmhainn aig muir. Bha a' chrith-thalmhainn de mheud 7.4, agus e air tachairt chun an ear-thuath air Iapan. Thathas air iarraidh air daoine gluasad gu talamh nas àirde, air eagal 's gun tig tuil mun chosta. Tha aon suaile mar-thà air bualadh air an dùthaich ach dh'fhaodadh suaile eile a bhiodh cho mòr ri trì meatairean de dh'àirde a thighinn fhathast.

Bàs boireannaich

Tha na Poilis ri rannsachadh fhathast ann an Glaschu às dèidh mar a chaidh corp boireannaich, aois 82, fhaighinn ann an Glaschu tràth sa mhadainn Disathairne. Thuirt na Poilis gun deach fear a thathas a' meas cunnartach fhaicinn faisg air làimh, mun aon àm 's a chaidh Elizabeth Colligan fhaighinn marbh air Rathad Cardown, ann an sgìre Carntyne. Thathas air dealbh de Ghrant MacFhionghain, a tha 30 bliadhna de dh'aois, a chur ma sgaoil agus iad a' sireadh fiosrachaidh.

Turaschd Uibhist a Deas

Tha luchd-turais a bha an dùil a dhol air làithean-saora a dh'Uibhist a Deas mar-thà air a bhith a' cur às dha na planaichean aca ri linn troimh-chèile nam bàtaichean aiseig, a rèir luchd-gnothaich anns an sgìre. Cha bhi bàta-aiseig a' frithealadh Loch Baghasdail chun an 17mh den Chèitean, a rèir a' phlana as ùire aig CalMac agus dìth bhàtaichean a' leantainn. Ged a bhathas an dòchas gun tigeadh piseach air cuid de sheirbheisean, agus dùil ris an Hebrides air ais bho obair-chàraidh air an deireadh-sheachdain, chan eil i air tilleadh mar a bha còir. Thuirt CalMac gum biodh tuilleadh fiosrachaidh ri thighinn air sin an-diugh fhathast.