Tidsear ùr an Cille Chòmhain

Cille ChòmhainTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Chaidh tidsear ùr fhastadh ann an sgìre Chille Chòmhain às dèidh iomairt bho phàrantan air na meadhanan-sòisealta.

Tha 15 sgoilearan ann an Sgoil Chille Chòmhain agus aona chlas 'son a h-uile duine aca.

Bha duilgheadas air a bhith ann tidsear a lorg 'son a dhol a dh'obair san sgoil.

Tha aon dreuchd tidseir làn-ùine ann is ceannard a tha cuideachd os cionn sgoiltean eile ann an Àird nam Murchan.

Bha an tidsear làn-ùine a bh' ann air a dhol pàirt-ùine.

Chaidh na pàrantan an sàs san Fhaoilleach gus sanas Chomhairle na Gàidhealtachd a sgaoileadh fad is farsaing.

Tha an t-ùghdarras ionadail a-nise air dearbhadh gun deach tidsear làn-ùine fhastadh.