Binn beatha air fear às a' Ghàidhealtachd a dh'èignich triùir bhoireannach

Àrd-chùirtTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn beatha a chur air fireannach às a' Ghàidhealtachd às dèidh dha a bhith air a dhìteadh airson triùir bhoireannach èigneachadh.

Chaidh eucoirean Bruce Bhochanain a dhèanamh thairis air còrr air 30 bliadhna ann an Inbhir Nis, Crothaidh agus Baile Dhubhthaich.

Bha Bochanan air a dhol às àicheadh nan casaidean ach chaidh fhaighinn cionntach aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann air seachd cùisean, a' toirt a-steach dà chasaid de dh'èigneachadh agus casaid eile de dh'èigneachadh agus ionnsaigh gu droch leòn agus cunnart do bheatha.

Bha na h-eucoirean aige air tòiseachadh san Ògmhios 1986 agus lean iad chun na h- Ògmhios 2017.

Thug am britheamh Am Morair Fairlie òrdugh casg fad-beatha seachad, a' ciallachadh nach tèid Bochanan shaoradh gus am bi bòrd-saoraidh riaraichte nach eil e tuilleadh na chunnart don phoball.

Chaidh casg fad-beatha a chur air Bochanan cuideachd bho bhith a' cur fios air an fheadhainn air an do rinn e ionnsaigh agus chaidh a chur air clàr nan drabastairean.