Naidheachdan 11:00m
Starmer
Nì am Prìomhaire còmhradh feasgar le ceannardan gnothachais mu bhuaidh a' chogaidh ann an Iran air an eaconomaidh. Tha dùil gum bi mòran aire aig a' choinneimh aig Sràid Downing air mar a tha Caolas Hormuz dùinte, agus sin a' fàgail staing le gnìomhachas na h-ola. Tha prìsean ola a-rithist air èirigh an-diugh, gu ìre ri linn a' Chinn-suidhe Trump a bhith ag ràdh an-dè gur dòcha gum biodh e airson smachd a ghabhal air ola Iran. Thuirt e cuideachd, ge-tà, gur dòcha gum b' urrainn aonta sìthe a dhèanamh le Iran gu math luath. Tha dùil gum bi an Seansalair an-diugh cuideachd a' moladh dha ministearan ionmhais eile à dùthchannan beartach an G7 gum feum a bhith a' gluasadh air falbh bho chonnaidhean fosail, mar dhìon bho thrioblaidean le margaidhean ola agus gas.
CalMac
Tha na duilgheadasan mòra aig CalMac le dìth bhàtaichean a' leantainn. Thuirt iad an-diugh gum bi Dihaoine ann aig a' char as tràithe mus bi am bàta an Glen Sannox - a tha air ùr-thighinn gu seirbheis - air a càradh. Tha i sin air a bhith a-mach à seirbheis Eilean Arainn fad beagan làithean a-nis le trioblaid leis an exhaust. Tha co-dhiù ochd bàtaichean cudromach briste no fo chàradh àbhaisteach, thuirt CalMac na bu thràithe. Tha cha mhòr a h-uile eilean a' fulang ri linn seo, thuirt iad. Thuirt CalMac cuideachd bho chionn ghoirid gun robh seirbheis Eilean Chearraraigh a-nis cuideachd air dhol dheth le trioblaid teigniceach dhan bhàta. Tha droch shìde cuideachd le buaidh air seirbheisean an-diugh.
An Ruis
Tha an Ruis air neach-diplòmasach aig ambasaid Bhreatainn ann am Moscow a chur a-mach às an dùthaich agus iad a' cur às a leth gun robh e ri obair-brathaidh. Chaidh ainmeachadh le buidhnean meadhanan na Stàit mar Albertus Gerhardus Hanse Van Rensburg. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin nach robh ann an sin ach casaid gun bhrìgh.
Celtic
Tha Cluba Ball-coise Celtic air eadar £10,000 agus £100,000 ann an airgead-dìolaigh a phàigheadh dha fear a dh'fhuiling droch-dhìol feiseil bho chionn còrr air 30 bliadhna. Tha sin a' toirt gu ceann cùis-lagha a thogadh bho chionn mìos. Bha an duine, nach urrainn ainmeachadh, air a dhol gu lagh ag ràdh gun tugadh ionnsaigh air le fear de choidsichean Cluba Balaich Celtic, Frank Cairney, ann an 1989. Bha Celtic air dhol às àicheadh a bhith ann urra ri mar a thachair. Tha a' chùis a-nise air a rèiteach aca. Bha Cairney roimhe air a dhìteadh air grunn chasaidean de dhroch-dhìol air cluicheadairean òga ball-coise.
Bananathan
Nochd tomhas de dh'èiginn aig bùth Tesco ann an Arcaibh air an deireadh-sheachdain is iad air fada cus bhananathan a cheannachd na bha còir. An àite a bhith ag òrdachadh 380 cileagram dhan mheas, bha iad air 380 bucas òrdachadh. Mar sin dh'fheumadh iad na bananathan a thoirt seachad do dhaoine an asgaidh agus do bhuidhnean coimhearsnachd.