"Buzz of anticipation"air fhoillseachadh aig 13:45 TSB 20 An t-Sultain 2025

Sin a tha manaidsear Chabar Fèidh Gharry Reid dìreach air a ràdh ri Dòmhnall MacLaomhainn. Bu chòir dha cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a bhith air "bucket list" gach duine, tha Garry ag ràdh. Tha ceist air cuideachd mu loidhne-dìon Kings is Raibeart Mabon a dhìth. Tha e den bheachd gun tèid Calum Grannd gu full-back.
Timcheall air 20 mionaid a-nise gus an tòisich an geama mòr is Pàirc a' Bhucht a' lìonadh gu math.
Cuimhnichibh gu bheil gach buille againn chan ann a-mhàin an seo ach air BBC Radio nan Gàidheal is an ceangal aig mullach na duilleige.






