Ciamar a tha am BBC air a dhèanamh pearsaichte dhòmhsa?
Air BBC iPlayer
Nuair a tha thu air soidhnigeadh a-steach, molaidh sinn prògraman ann an sreathan ath-òrdaichte air an duilleag a tha sinn am beachd a chòrdas riut, a rèir dè choimhead thu mar-thà. A bharrachd air na prògraman ann an “Recommended for you”, sin taghadh de stuthan iPlayer air a phearsanachadh dhutsa, tha a’ mhòr-chuid de na sreathan air an duilleag a rèir do thoilean agus ùidhean, le bhith a’ taghadh chruinneachaidhean de phrògraman a tha a’ freagairt ortsa neo ag ath-òrdachadh bheachdan bho ar Riochdairean.
Cumaidh sinn cuimhne air dè an uimhir de phrògraim a choimhead thu. Mar sin, faodaidh tu leantainn ort a’ coimhead san dearbh àite san do sguir thu, fiù ‘s air inneal eile.
Air BBC Sounds
Gheibh thu air èisteachd ri rudan ùra a chaidh an taghadh a dh’ aona-ghnothaich dhutsa san earrann Recommended for you. Gheibh thu an tuilleadh stuth air a phearsanachadh dhutsa ann an Discover Podcasts agus Music You’ll Love – air na sreathan sin tha stuth taghte le ar Riochdairean air òrdachadh a rèir do mhiann.
Sàbhalaidh sinn na lorgan mu dheireadh agad, gus am faigh thu iad a-rithist. Faodaidh tu d’ Eachdraidh Lorg a chur dheth (agus air a-rithist) aig àm sam bith tro seataidhean do chunntas BBC.
Tro aon-bhruthadh bidh cead agad chun na h-eapasodan as ùire de phodcastan agus prògraman rèidio, agus faodaidh tu eapasod no clip a shònrachadh gus èisteachd nas fhaide air adhart.
Air app BBC Sport
’S e dòigh fhurasta a th’ ann am My Sport airson cumail suas ri na naidheachdan as ùire mu na spòrsan agus na sgiobaidhean as fheàrr leat.
Tagh bho còrr air 300 cuspair spòrs airson do dhuilleig My Sport a chruthachadh. Agus log a-steach airson fhaighinn air d’ innealan air fad.
Faodaidh tu cuideachd roghnachadh brathan fhaighinn mu Bhall-coise, Formula 1, Criogaid, Rugbaidh Aonaidh, Rugbaidh Lìog agus na Naidheachdan Spòrs as ùire.
Air Naidheachdan a' BhBC
Bho àm gu àm molaidh sinn sgeulachdan a rèir na leugh thu roimhe, agus na tha daoine le ùidh sna h-aon seòrsa chuspairean riut a leughadh.
Chan fhalaich sinn sgeulachdan bhuat aig àm sam bith, agus gheibhear chun na prìomh naidheachdan aig àm sam bith.
Air BBC Aimsir
Bheir BBC Aimsir fiosrachadh dhut stèidhichte air na h-àiteachan as fheàrr leat.
Nuair a chuireas tu àite ris, mar d’ àite fuirich, cleachdaidh sinn sin airson fiosrachadh ionadail a thoirt dhut. Ma logas tu a-steach dhan a’ BhBC, thèid cuimhne a chumail air an fhiosrachadh seo thairis air diofar innealan.
’S e “M’ Àiteachan” a bhios againn air na h-àiteachan a shàbhail thu. Faigh a-mach tuilleadh mu “M’ Àiteachan” san Aimsir.
Air Dhutsa
Tha ‘Dhutsa’ a' toirt am BBC còmhla ann an aon àite. Tha a' mhòr-chuid den stuth pearsaichte dhutsa. Tha e air a thaghadh tro phròiseas fèin-obrachail, seach air a thaghadh le deasaichean.
Gheibh thu stuthan stèidhichte air rudan a choimhead, chuala, leugh no a lean thu roimhe. Cuideachd gheibh thu stuthan ùra agus stuthan air a bheil daoine measail.
Air BBC Children’s
Faodaidh clann na prògraman agus na cuspairean as fheàrr leotha a chur ris. Tha seo a’ ciallachadh gu nochd iad air bàrr duilleagan CBBC agus CBeebies, ga dhèanamh nas fhasa an lorg.
Air BBC Bitesize
Air an làrach-lìn, cruthaich slighe ionnsachaidh dhut fhèin le bhith a’ cur chuspairean àrd-sgoil no na sine na 16 agus iùil ionnsachaidh ri ‘Bitesize agamsa’ - faodaidh tu an uair sin tòiseachadh a-rithist far an do stad thu.
Anns an app ath-sgrùdaidh, faodaidh tu do chuspairean GCSE, TGAU, Nàiseanta no Àrd Ìre a chur ris gus nach eil thu a’ faicinn ach na tha a’ buntainn riut fhèin. Faodaidh tu cuideachd goireasan ath-sgrùdaidh a chur air do dhuilleag-dachaigh gus am faigh thu thuca gu sgiobalta.
Cùm sùil an seo
Tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean ùra gus am BBC a dhèanamh nas pearsaichte dhut. Coimhead a-mach air an son air feadh a’ BhBC.