|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Moladh ChalMac air aiseag Mhalaig air fhoillseachadh
|
||||||||||||||||||||||
Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhruathainn am moladh a rinn iad anns a' Cheitean 2007 airson seirbheis a chur air bhog eadar
Loch Baghasdail agus Malaig às aonais bàt-aiseig ùir.
Nochd làn-fhiosrachadh mun tairgse a chuir iad chun an Riaghaltais mu sheirbheis aiseig eadar Malaig 's Loch Baghasdail, air làraich-lìn na companaidh an-diugh (16/01/2008). Tha fear dhe na pàipearan a dh'fhoillsich iad a' toirt fiosrachadh mionaideach seachad mu mar a ghabhadh an t-seirbheis eadar an t-Òban, Loch Baghasdail agus Bagh a' Chaisteil a ghluasad a Mhalaig. Thathas a' cumail a-mach gun gabhadh seo a dhèanamh gun bàta ùr a cheannach. Atharrachadh Ach leis a' mholadh, chailleadh muinntir Bharraigh seirbheis dhìreach dhan Òban, ged a bhiodh seòlaidhean ann tro na h-Eileanan Beaga as t-Samhradh. Thuirt Cal Mac nach b' urrainn dhaibh am moladh seo a chur an cois na tairgse deireannaich air sgàth riaghailtean an Riaghaltais. Tha brath naidheachd bhon chompanaidh ag ràdh gum biodh am plana aca do-dèante a chur an-sàs leis an Riaghaltas fo riaghailtean a' phròiseis. "Tha na pàipearan seo a' cur nan roghainnean a chaidh a thairgsinn air beulaibh an t-sluaigh. 'S e cùis a Riaghaltais a-nis a th' ann a thoirt air adhart, a' gabhail a-steach shuidheachaidhean a th' air atharrachadh agus mar a cho-dhùin sinn am pròiseas tairgse gu soirbheachail" Thuirt Stiùiriche Chal Mac Lawrie Sinclair. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||